19/02/2017
Gheibh sinn sgeulachdan na Fèinne aig Ruairidh MacIllEathain an t-seachdain sa.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 614
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 918
Duration: 05:00
Litir 918: Mar a Fhuair Fionn Bran (1)
Dè cho eòlach ʼs a tha sibh air sgeulachdan na Fèinne? An aithne dhuibh, mar eisimpleir, ainm cù Fhinn MhicCumhail? Bha uair ann, agus fios aig a h-uile leanabh Gà idhealach eadar Corcaigh is Gallaibh air sin!
           Bran. B’ e sin ainm a’ choin. Bha e cho cumhachdach ʼs gum b’ urrainn dha stad a chur air trì batalianean de nà imhdean, gun taic. Bha e cho treun is cho glic is cho uasal mar chù ʼs a bha Fionn mar dhuine. Bha measgachadh de dhathan air. Bha a spògan buidhe agus a bhrù bà n. Bha sliasaidean dubha aige, druim uaine agus cluasan a bha dearg agus biorach.
           Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a fhuair Fionn Bran. Latha a bha seo, bha Fionn sa mhonadh leis fhèin. Thà inig fear thuige. ‘Cò th’ agam an seo agus cà ’l thu a’ dol?’ dh’fhaighnich Fionn dheth.
‘’S e sgalag a th’ annam,’ fhreagair am fear eile, ‘agus tha mi a’ lorg maighstir math.’
           ‘Agus dè na sgilean a th’ agad?’ dh’fhaighnich Fionn.
           ‘Cha d’ fhuair mi norrag cadail riamh,’ ars am fear eile. ‘Chan fhaigh rud sam bith seachad orm gun fhiosta oir chì mi e.’
           ‘Tha sin math,’ thuirt Fionn. ‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath.’
           Goirid an dèidh sin, nochd fear eile.
‘Cò th’ agam an seo agus cà ʼl thu a’ dol?’ dh’fhaighnich Fionn.
‘’S e sgalag a th’ annam,’ fhreagair am fear ùr, ‘agus tha mi a’ lorg maighstir.’
           ‘Dè na sgilean a th’ agad?’ dh’fhaighnich Fionn.
           ‘Nuair a dh’èisteas mi, cluinnidh mi am feur a’ fà s,’ ars am fear ùr. ‘Chan fhaigh rud sam bith seachad orm gun fhiosta oir cluinnidh mi e.’
           ‘Tha sin math,’ thuirt Fionn. ‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath bhuam.’
           Goirid an dèidh sin, nochd treas fear. ‘’S e sgalag a th’ annam,’ thuirt e. ‘Tha mi a’ lorg maighstir.’
           ‘Dè na sgilean a th’ agad?’ dh’fhaighnich Fionn.
           ‘Nuair a gheibh mi grèim air rudeigin, chan fhaigh e air falbh,’ ars am fear eile. ‘ʼS e greimiche a th’ annam.’
           ‘Math fhèin,’ thuirt Fionn. ‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath.’
           Thà inig ceathramh fear agus bha an aon chòmhradh aca.
           ‘Dè na sgilean a th’ agad?’ thuirt Fionn.
           ‘Tha mi math air goid,’ ars am fear eile. ‘Goididh mi an t-ugh bhon chorra-ghrithich fhad ʼs a tha i a’ coimhead orm le a dà shùil.
           ‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath,’ thuirt Fionn.
           Cha b’ fhada gus an do nochd còigeamh fear. Bha am fear seo math, thuirt e fhèin, air sreap. ‘Sreapaidh mi balla a tha còmhdaichte le craiceannan easgannan,’ thuirt e.
           ‘Ma thig thu cuide rium,’ thuirt Fionn, ‘gheibh thu tuarastal math.’
           Abair an latha a bh’ aig Fionn sa mhonadh, oir thà inig siathamh fear dha ionnsaigh. ‘Tha mi nam sgalaig,’ thuirt e, ‘agus tha mi a’ lorg maighstir. Tha mi nam bhoghadair agus bidh mi a’ losgadh saighead a bhios a’ sgà ineadh ball fuilt.’
           ‘Bidh thu feumail dhomh,’ arsa Fionn, ‘agus gheibh thu tuarastal math bhuam.’
           Bha an sgioba aige a-nise là n. Dh’fhalbh Fionn agus an t-sianar eile còmhla thairis air naoi cnuic is naoi glinn is naoi aibhnichean gus an do rà inig iad lùchairt aig Rìgh. Agus innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain, mar a fhuair Fionn grèim air Bran.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: treun: brave; uasal: noble; ²ú°ùù: belly; goid: stealing; boghadair: archer.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: An aithne dhuibh ainm cù Fhinn MhicCumhail?: do you know the name of Fionn MacCumhail’s dog?; a h-uile leanabh Gà idhealach eadar Corcaigh is Gallaibh: every Gaelic child between Cork and Caithness; ainm a’ choin: the dog’s name; gum b’ urrainn dha stad a chur air trì batalianean de nà imhdean: that he could stop three batallions of enemies; bha measgachadh de dhathan air: he carried a mixture of colours; bha sliasaidean dubha aige, druim uaine agus cluasan a bha dearg agus biorach: he had black thighs, a green back and ears that were red and pointed; thà inig fear thuige: a man came to him; cò th’ agam an seo agus cà ’l thu a’ dol?: who are you and where are you going; tha mi a’ lorg maighstir math: I’m seeking a good master; cha d’ fhuair mi norrag cadail riamh: I’ve never slept; chan fhaigh rud sam bith seachad orm gun fhiosta oir chì mi e: nothing will get past me unknown to me because I’ll see it; thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath: come with me and you’ll be well rewarded; cluinnidh mi am feur a’ fà s: I can hear the grass growing; ʼs e greimiche a th’ annam: I’m a gripper; cha b’ fhada gus an do nochd còigeamh fear: it wasn’t long until a fifth man appeared; sreapaidh mi balla a tha còmhdaichte le craiceannan easgannan: I can climb a wall covered with eel skins; a’ losgadh saighead a bhios a’ sgà ineadh ball fuilt: firing an arrow that will split a hair; thairis air naoi cnuic is naoi glinn is naoi aibhnichean: over nine hills and nine glens and nine rivers.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Tha mi nam sgalaig: I am a servant. Sgalag is a feminine noun here in the definite dative singular following a preposition and the possessive article (na + mo = nam). It is thus traditionally slenderized. Here are other examples of the same structure: tha i na caillich ‘she is an old woman’; tha an tè sin na circ-fhraoich ‘that one is a female red grouse’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Goididh mi an t-ugh bhon chorra-ghrithich fhad ʼs a tha i a’ coimhead orm le a dà shùil: I can [will] steal the egg from the heron while she is looking at me with her two eyes. To be able to steal an egg from a heron without the bird knowing is considered to be almost impossible.
Broadcasts
- Sun 19 Feb 2017 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Feb 2017 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.