Main content
This programme is not currently available

Teipichean Phàdraig - Ailean MacIllEathain

Beatha agus òrain Ailein MhicIllEathain le Pàdraig Greumach agus Dòmhnall Dòmhnallach. The life and songs of Allan Maclean with Peter Graham and Donald MacDonald.

Chuala sinn an t-seachdain a chaidh an earrann mu dheireadh de Sgeulachd Beatha Alasdair MhicIllEathain mu òige ann a Siabost agus am Brù. B' e an seinneadair Ailean MacIlleathain bràthair-athair Alasdair agus b' e Dòmhnall Dòmhnallach, ris a robh Alasdair gu math ceangailt', mac le piuthar Ailein agus athair Alasdair, Coinneach. Bho chlàr Alasdair Sgeulachd Beatha còmhla ri Catriona Mhoireach, chaochail Dòmhnall. Mar chuimhneachan air Dòmhnall agus an tuilleadh de sgeulachd an teaghlach MhicIlleathain fhaighinn, tha cothrom eile againn èisteachd ri Teipichean Phàdraig air Ailean MacIllEathain, far an tug Pàdraig Greumach, nach maireann, sgrìob tro na teipichean a chlàr e fhèin de dh'òrain, ceòl agus seinneadairean Eilean Leòdhais. Chlàr Pàdraig Ailean na dhachaigh an Grianaig bho chionn còrr math air leth-cheud bliadhna na dhachaigh an Grianaig. Airson a' phrògram chuir sinn clàraidhean Phàdraig agus eòlas Dhòmhnall Dhòmhnallaich air bràthair a mhàthair còmhla airson dealbh nas slàine a thoirt air beatha agus òrain Ailein.

30 minutes

Last on

Sun 19 Mar 2017 13:00

An seinneadair, Ailean MacIllEathain, agus a bhean Peigi.

An seinneadair, Ailean MacIllEathain, agus a bhean Peigi.
An seinneadair, Ailean MacIllEathain agus a bhean Peigi aig banais mac a bhràthar, Alasdair MacIllEathain, ann a 1965. 

Bileag mu Chruinneachadh Comann Leòdhais agus na Hearadh bho 1932

Bileag mu Chruinneachadh Comann Leòdhais agus na Hearadh bho 1932
Bileag mu Chruinneachadh Comann Leòdhais agus na Hearadh bho 1932 aig a robh Ailean MacIllEathain a’ seinn agus dealbh dheth na chois.

Broadcasts

  • Mon 13 Mar 2017 12:00
  • Mon 13 Mar 2017 22:00
  • Sun 19 Mar 2017 13:00