19/03/2017
Tha Ruairidh MacIlleathain a-mach air ainmean-Ã ite. Bheil sibh ag aithneachadh Cnoc an t-Sabhail?
Last on
Corresponding Litir
Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 922
Duration: 05:00
Litir 922: Coire Bhreacain (1)
Tha mi a’ dol a dh’aithris dhuibh sreath ainmean-à ite. An aithnich sibh an t-eilean anns a bheil iad? Cnoc an t-Sabhail, Port an Tiobairt, Port an Droighinn, Maol Eilean, Coire Bhreacain.
Tha mi cinnteach gun robh glè bheag agaibh eòlach air na h-ainmean ann am meadhan an t-sreath. Ach an fheadhainn aig gach ceann dheth – ʼs dòcha gun do dh’aithnich sibh iad – Cnoc an t-Sabhail agus Coire Bhreacain. Tha iad uile ann an – no faisg air – Eilean Dhiùra – air cladach an ear-thuath an eilein. Tha Cnoc an t-Sabhail nas aithnichte do dhaoine le dreach na Beurla air – Barnhill. Tha e ainmeil a chionn ʼs gur ann an sin a bha Eric Arthur Blair a’ fuireach nuair a sgrìobh e an nobhail aige 1984. Bha ainm-pinn aig Blair – George Orwell.
Agus an t-à ite eile? Coire Bhreacain. Tha sibh eòlach air sin, nach eil? Mura h-eil sibh eòlach air an à ite, bidh sibh eòlach air a chliù. ʼS e Coire Bhreacain an cuairt-shruth as ainmeile ann an Alba, agus an treas fear as cumhachdaiche anns an t-saoghal. Tha e gu tuath air Diùra, anns a’ chaolas eadar Diùra agus Sgarba. Tha e na chunnart do mharaichean.
Tuigidh sibh, tha mi an dùil, gur e whirlpool a tha mi a’ ciallachadh le ‘cuairt-shruth’. Tha faclan eile airson na leithid ann an Gà idhlig – ioma-shruth, cuairt-shlugan, cuairt-linn, slug-pholl, cuan-choire, saobh-choire, coingheall agus faochag-linne. Tha facal eile ann cuideachd, ach tha mi a’ dèanamh dheth nach eil e freagarrach airson Coire Bhreacain. ʼS e sin cuinneag-thuathail. Carson nach eil e freagarrach? Uill, fhad ʼs as aithne dhomh, bidh an t-uisge ann an Coire Bhreacain a’ cuartachadh deiseil.
Tha e inntinneach mar a tha cuid de na h-ainmean stèidhichte air sruth ‘c³Ü°ù°ù±ð²Ô³Ù’, slug â€Èٷɲ¹±ô±ô´Ç·É’ agus coire ‘c²¹³Ü±ô»å°ù´Ç²Ô’. Am bi Coire Bhreacain dha-rìribh a’ slugadh mharaichean, gan toirt don aigeann? Uill, a rèir aithris a leugh mi air an eadar-lìon, rinn sgioba filmidh deuchainn. Thilg iad corp fuadain le seacaid-sà bhalaidh agus inneal-tomhais doimhneachd air a-steach a Choire Bhreacain.
Chaidh a shlugadh leis an t-sruth agus chaidh e don aigeann. Nuair a nochd e a-rithist air uachdar, bha e pìos air falbh, agus sheall an t-inneal-tomhais doimhneachd gun robh e air a dhol sìos gu ochd ceud troigh fo uachdar na mara! Nise tha a’ chairt-mhara agam ag innse dhomh nach eil an doimhneachd a’ dol seachad air dà cheud meatair. Co-dhiù, a rèir choltais, chaidh an corp fuadain a shlugadh don aigeann.
Bliadhna no dhà air ais, thuirt mo mhac rium gun robh e a’ dol a shnà mh ann an Coire Bhreacain. Tha e gu math comasach a bhith a’ snà mh ann an à iteachan a tha, mar gun canadh tu, ‘dùbhlanach’. Ach tha Coire Bhreacain tuilleadh is dùbhlanach. Mus d’ fhuair mi cothrom ceist a chur air, thuirt e, ‘Aig à m an eadar-shruth a bhitheas e!’ Ach cha mhair an t-eadar-shruth fada. ʼS e an sruth-lìonaidh as cunnartaiche, gu h-à raidh aig à m an reothairt. Nochdaidh a’ chuairt-shruth, agus muir gharbh agus sruth-mara a tha a’ dol aig ochd mìle-mara san uair.
Tha Coire Bhreacain dìreach sia cilemeatairean air falbh bhon taigh anns an robh George Orwell a’ fuireach. Agus aon latha samhraidh, cha mhor nach do chaill an sgrìobhadair ainmeil a bheatha ann. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Cnoc an t-Sabhail: Barnhill; Port an Tiobairt: the harbour of the well; Port an Droighinn: the harbour of the blackthorn; Maol Eilean: bare island; Coire Bhreacain: Corryvreckan; ¶Ù¾±Ã¹°ù²¹: Jura; ainm-pinn: pen-name; Sgarba: Scarba.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a chionn ʼs gur ann an sin a bha X a’ fuireach: because that’s where X was living; bidh sibh eòlach air a chliù: you’ll know its reputation; an treas fear as cumhachdaiche anns an t-saoghal: the third most powerful in the world; fhad ʼs as aithne dhomh: as far as I know; bidh an t-uisge ann an Coire Bhreacain a’ cuartachadh deiseil: the water in Corryvreckan circulates clockwise; a’ slugadh mharaichean, gan toirt don aigeann: swallowing mariners, taking them to great depth; a rèir aithris air an eadar-lìon: according to a report on the internet; corp fuadain le seacaid-sà bhalaidh agus inneal-tomhais doimhneachd air: a mannequin with a lifejacket and a depth-measuring device on it; chaidh a shlugadh leis an t-sruth: it was swallowed by the current; ochd ceud troigh fo uachdar na mara: eight hundred feet under the surface of the sea; tha a’ chairt-mhara agam ag innse dhomh nach eil an doimhneachd a’ dol seachad air dà cheud meatair: my marine chart tells me that the depth doesn’t exceed two hundred metres; tuilleadh is dùbhlanach: extremely challenging; aig à m an eadar-shruth a bhitheas e: it will be at the time of the slack tide; ʼs e an sruth-lìonaidh as cunnartaiche: it’s the flood tide that’s most dangerous; aig à m an reothairt: at the time of spring tides; ochd mìle-mara san uair: eight knots; aon latha samhraidh, cha mhor nach do chaill an sgrìobhadair ainmeil a bheatha ann: one summer’s day, the famous writer almost lost his life there.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: faochag-linne: this name might seem, at first glance, to mean ‘the strait-winkle’, a rather attractive if slightly strange name. But I suspect that faochag for ‘winkle’ refers simply to the shell’s shape and that it comes from an old root meaning ‘whorl’ or ‘spiral’. So faochag-linne is a place where the water spirals down in a strait between two landmasses ie a whirlpool. Faochag is also used for the whorl of hair on a person’s head. But what about the whorl of hair you often see on the rear end of a dog? Is that also a faochag? Any thoughts from my readers? You’ll reach me at roddy@culcabockpublishing.co.uk.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ann an à iteachan a tha, mar gun canadh tu, ‘dùbhlanach’: in places that are, [as] you might say, ‘challenging’.
Broadcasts
- Sun 19 Mar 2017 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Mar 2017 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.