26/03/2017
Tha Ruaraidh MacIlleathain ag innse sgeulachd mun sgrìobhadair George Orwell, a bh' ann an tubaist ann an Coire Bhreacain faisg air Diùra.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 619
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 923
Duration: 05:00
Litir 923: Coire Bhreacain (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Choire Bhreacain, an cuairt-shruth ainmeil eadar Sgarba agus Diùra. Tha e faisg air Cnoc an t-Sabhail, an t-à ite ann an Diùra far an do sgrìobh George Orwell an nobhail aige 1984. Ach cha mhòr nach deach Orwell a bhà thadh ann an Coire Bhreacain mus robh 1984 deiseil aige. Seo mar a thachair e.
           B’ e a’ bhliadhna 1947. Bha cà irdean aig Orwell air a dhol a dh’fhuireach còmhla ris as t-samhradh. Agus latha a bha seo, thug Orwell cuireadh dhaibh falbh còmhla ris ann am bà ta. Bha a phiuthar agus a cuid cloinne ann, a’ gabhail a-steach an fhir as òige, Ricky, nach robh ach trì bliadhna a dh’aois. B’ e ainm ceart Orwell ‘Eric Blair’ agus bha a’ chlann gu math measail air ‘Uncail Eric’.
           Tha e coltach gu robh Orwell eòlach air bà taichean. Ach ʼs dòcha nach robh e toinisgeil gu leòr. Dh’fhà g e an taigh gun fios a bhith aige mun tìde-mhara agus cuin a bhiodh an sruth-mara cunnartach. Agus cha robh seacaidean-sà bhalaidh air duine aca. Nuair a rà inig iad an caolas, bha suaile mhòr ann agus bha am bà ta a’ tulgadh gu dona. Chunnaic iad Coire Bhreacain. Bha an t-uisge a’ dol mun cuairt mar an donas.
           A bharrachd air Coire Bhreacain fhèin, tha cuairt-shruthan eile timcheall a’ chaolais. Agus tha iad fhèin là idir. Ged a bha einnsean outboard air a’ bhà ta, cha robh e neartmhor gu leòr, agus ghabh cuairt-shruth grèim orra. Chaidh am bà ta mun cuairt mar aodach ann an inneal-nighe agus ghabh a h-uile duine air bòrd eagal am beatha.
           Bha am bà ta air a thilgeil suas is sìos le neart. Bha na tuinn mu dheich troighean a dh’à irde. Gu h-obann, leum an t-einnsean far deireadh a’ bhà ta. Agus sìos leis don aigeann. Bha iad a-nise gun einnsean agus ann an cunnart am beatha. ‘Dh’fhalbh an t-einnsean,’ thuirt Uncail Eric ri cà ch gu socrach. ‘Feumaidh sinn na rà imh a thoirt a-mach. Chan urrainn dhomh mòran a dhèanamh, tha eagal orm.’ Feumaidh gun robh e a’ ciallachadh nach robh e là idir gu leòr airson am bà ta iomradh. Mar sin, ʼs e Eanraig, mac a pheathar, a thog na rà imh.
           Fhuair iad faisg air eilean beag creagach agus leum Eanraig a-mach le ròp-toisich a’ bhà ta na là imh. Fhad ʼs a bha e a’ dèanamh air talamh tioram, thug am bà ta car. Bha a h-uile duine eile a-nise fo shlige a bhà ta, a bha bun-os-cionn. Ach fear an dèidh a chèile, nochd a h-uile duine air uachdar. Cha robh aca ach am bà ta, aon rà mh agus slat-iasgaich.
           Gu fortanach an dèidh uair a thìde gu leth, chunnaic bà t’-iasgaich iad. Bha iad ag iasgach ghiomach. Chaidh iad faisg air an eilean, agus thilg an criutha ròp gu tìr. ʼS ann air an ròp a fhuair Orwell agus a chà irdean don bhà t’-iasgaich. Thug Orwell Ricky air a dhruim.
           Tha beachd ann gun do ghiorraich an gnothach beatha Orwell. Goirid an dèidh na tubaist ann an Coire Bhreacain, ghabh e a’ chaitheamh agus b’ fheudar dha dhol don ospadal. Thill e a Dhiùra agus chuir e crìoch air 1984 anns an Iuchar 1948. Tha saoghal an litreachais taingeil nach d’ fhuair Orwell bà s ann an Coire Bhreacain a’ bhliadhna roimhe.ÂFaclan na Litreach
Faclan na Litreach: Coire Bhreacain: Corryvreckan; Sgarba: Scarba; ¶Ù¾±Ã¹°ù²¹: Jura; Cnoc an t-Sabhail: Barnhill; cuireadh: invitation; toinisgeil: sensible; ²õ±ð²¹³¦²¹¾±»å±ð²¹²Ô-²õà ²ú³ó²¹±ô²¹¾±»å³ó: lifejackets; °ùà ¾±³¾³ó: oars; slat-iasgaich: a fishing rod.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: air a dhol a dh’fhuireach còmhla ris as t-samhradh: had gone to stay with him in the summer; a phiuthar agus a cuid cloinne: his sister and her children; nach robh ach trì bliadhna a dh’aois: who was only three years of age; bha suaile mhòr ann agus bha am bà ta a’ tulgadh gu dona: there was a big swell and the boat was pitching badly; a’ dol mun cuairt mar an donas: going around like the devil; cha robh e neartmhor gu leòr, agus ghabh cuairt-shruth grèim orra: it wasn’t strong enough, and a whirlpool took hold of them; bha na tuinn mu dheich troighean a dh’à irde: the waves were about ten feet high; leum an t-einnsean far deireadh a’ bhà ta: the engine leaped off the stern of the boat; thuirt X ri cà ch gu socrach: X gently said to the others; nach robh e là idir gu leòr airson am bà ta iomradh: that he wasn’t strong enough to row the boat; ʼs e Eanraig, mac a pheathar, a thog na °ùà ¾±³¾³ó: it’s Henry, his sister’s son, who picked up the oars; le ròp-toisich a’ bhà ta na là imh: with the boat’s painter (bow rope) in his hand; thug am bà ta car: the boat turned over; fo shlige a bhà ta, a bha bun-os-cionn: under the hull of the boat which was upside-down; fear an dèidh a chèile: one after the other; bha iad ag iasgach ghiomach: they were fishing (for) lobsters; thilg an criutha ròp gu tìr: the crew threw a rope to land; gun do ghiorraich an gnothach beatha X: that the affair shortened X’s life; ghabh e a’ chaitheamh: he contracted tuberculosis.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: cha mhòr nach deach Orwell a bhà thadh: Orwell was almost drowned. This is a good structure to remember for expressing ‘almost’. Cha mhòr nach do rinn X Y ‘X almost did/made Y’; cha mhòr nach eil an dealbh deiseil ‘the picture/painting is almost ready; cha mhòr nach do rinn mi mearachd uabhasach ‘I almost made a terrible mistake’. Note the comparable cha mhòr gun which translates as ‘hardly’. Cha mhòr gun robh diofar eatarra ‘there was hardly a difference between them; cha mhòr gun robh saighdear air fhà gail ‘there was hardly a soldier left’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a’ gabhail a-steach an fhir as òige: including the youngest one (male).
Broadcasts
- Sun 26 Mar 2017 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Mar 2017 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.