07/05/2017
Tha Ruairidh ag innse mun bhà rd spioradail, Dùghall Bhochanan - a' chiad neach a rinn eadar-theangachaidh air an Tiomnadh Nuadh gu Gà idhlig. Gaelic language learning programme.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 625
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 929
Duration: 05:00
Litir 929: Comharrachadh an Tiomnaidh Nuaidh
Halo a-rithist. Nise, tha ceist mhòr agam dhuibh aig toiseach na Litreach an t-seachdain seo. Dè an naidheachd a bu mhotha a bh’ aig na Gà idheil o chionn dà cheud gu leth bliadhna? Tha mi a’ ciallachadh le sin gun do thachair rudeigin mòr o chionn dà cheud gu leth bliadhna a bha air leth cudromach ann an eachdraidh nan Gà idheal. Ma dh’obraicheas sibh air ais, tha mi a’ bruidhinn mun bhliadhna seachd ceud deug, seasgad ʼ²õ a seachd (1767).
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý A bheil e agaibh? Uill, fà gaibh mi sibh a’ meòrachadh air a’ ghnothach mus till mi thuige. Bha mi aig òraid o chionn beagan sheachdainean aig Comunn Gà idhlig Inbhir Nis. Bha an t-Àrd-oll. Dòmhnall Meek a’ toirt seachad òraid mun bhà rd spioradail, Dùghall Bochanan. Bha an cuspair air leth inntinneach. Agus, mar a bhiodh dùil, bha an òraid air a lìbhrigeadh le snas agus soilleireachd.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Eagal ʼ²õ nach eil sibh eòlach air ainm, bha Dùghall Bochanan na bhà rd spioradail a bha beò anns an ochdamh linn deug. Bha e na mhaighstir-sgoile ann an Ceann Loch Raineach, ach bhuineadh e do dh’Àrdach ann an Srath Eidhir ann an Siorrachd Pheairt. ʼS e Gà idhlig Shiorrachd Pheairt a bh’ aige mar chà nan mhà thaireil. Tha carragh-cuimhne ann dha, an dà chuid, ann an Ceann Loch Raineach agus Srath Eidhir. Agus tha a’ chlach-uaighe aige ann an cladh nan Cananach anns an Là naigh Bheag, faisg air Calasraid.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Sgrìobh mi mu dheidhinn Dhùghaill mu-thrà th, ann an sreath Litrichean, a’ tòiseachadh le Litir sia ceud, caogad ʼ²õ a ceithir (654). Gheibh sibh lorg air na Litrichean air an là raich ‘LearnGaelic.scot’. Dh’ionnsaich mi rudan ùra mu Dhùghall bho Dhòmhnall Meek, ge-tà . Tha an taigh anns an do rugadh is thogadh e na sheasamh fhathast, agus le cuideigin a bhuineas dha, a’ fuireach ann. Agus tha Dòmhnall dhen bheachd gum b’ e Dùghall an Gà idheal a bu chomasaiche anns an ochdamh linn deug air sgrìobhadh, an dà chuid ann an Gà idhlig is Beurla. Agus cuimhnicheamaid gun robh am bà rd ainmeil, Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, beò aig an aon à m!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Dh’fhaighnich mi de Dhòmhnall à s dèidh na h-òraid an robh Alasdair agus Dùghall eòlach air a chèile. ‘ʼS iongantach mura robh,’ fhreagair e, ged a dh’aidich e nach do lorg e fianais sgrìobhte air sin fhathast. Ach tha teans ann gun do choinnich iad, ʼ²õ dòcha, ann an Glaschu. Smaoinichibh air sin. Nach math an còmhradh agus a’ Ghà idhlig a bhiodh ann eadar an dithis!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha an ùine a’ ruith orm, agus tha mi airson tilleadh don cheist a chuir mi aig toiseach na Litreach. Dè an gnothach mòr a thachair, ann an saoghal na Gà idhlig, o chionn dà cheud is caogad bliadhna? Pròiseact anns an robh Dùghall Bochanan fhèin an sà s. Uill, ʼ²õ e sin a’ bhliadhna a nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gà idhlig na h-Alba a’ chiad uair. Am bi na h-eaglaisean – agus na Gà idheil – a’ comharrachadh sin am-bliadhna? Tha mi an dòchas gum bi!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Gu h-oifigeil, bha Dùghall Bochanan na fhear-taice don Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn, a bha os cionn an eadar-theangachaidh. Ach tha Dòmhnall Meek dhen bheachd gun do rinn Bochanan fad a bharrachd na ʼn Stiùbhartach airson am pròiseact a thoirt gu buil agus gum b’ esan am prìomh eadar-theangair. Bu chòir dhuinn Dùghall Bochanan fhèin a chomharrachadh cuideachd air a’ bhliadhna seo.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; à °ù»å-´Ç±ô±ô²¹³¾³ó: professor; cuimhnicheamaid: let us remember; Cill Fhinn: Killin.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: o chionn dà cheud gu leth bliadhna: 250 years ago; ma dh’obraicheas sibh air ais: if you work back; fà gaibh mi sibh a’ meòrachadh air a’ ghnothach mus till mi thuige: I’ll leave you contemplating the matter before I return to it; air a lìbhrigeadh le snas agus soilleireachd: delivered with elegance and clarity; bha e na mhaighstir-sgoile ann an Ceann Loch Raineach: he was a schoolmaster in Kinlochrannoch; bhuineadh e do dh’Àrdach ann an Srath Eidhir ann an Siorrachd Pheairt: he belonged to Ardoch in Strathyre in Perthshire [although included in Stirlingshire since 1973, it is still thought of by many as Perthshire]; mar chà nan mhà thaireil: as a mother tongue; tha a’ chlach-uaighe aige ann an cladh nan Cananach: his gravestone is in the Buchanan cemetery; an Là naigh Bheag, faisg air Calasraid: Little Leny, near Callander; tha an taigh anns an do rugadh is thogadh e na sheasamh fhathast: the house in which he was born and raised is still standing; le cuideigin a bhuineas dha, a’ fuireach ann: with a relation of his living there; ʼ²õ iongantach mura robh: I’d be surprised if [they] weren’t; ged a dh’aidich e nach do lorg e fianais sgrìobhte air sin fhathast: although he admitted that he hadn’t found documentary evidence of that yet; tha teans ann gun do choinnich iad: there’s a chance that they met; ʼ²õ e sin a’ bhliadhna a nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gà idhlig na h-Alba a’ chiad uair: that’s the year the New Testament appeared in Scottish Gaelic for the first time; am bi na h-eaglaisean a’ comharrachadh sin?: will the churches be marking that?; gum b’ esan am prìomh eadar-theangair: that he was the primary translator.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Eagal ʼ²õ nach eil sibh eòlach air ainm: in case/lest you are not familiar with his name. The full phrase is Air eagal ʼ²õ nach eil sibh ... but in speech the preposition ‘a¾±°ù’ is often omitted – and I have done that here to make the language I am using as informal as possible. Sometimes you will hear it without the ʼ²õ (which is a reduced form of ‘a²µ³Ü²õ’) eg air eagal gun can thu ‘in case you should say’ – but for many the ʼ²õ should be there and it feels unnatural without it.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha an ùine a’ ruith orm: time is running out.
Broadcasts
- Sun 7 May 2017 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 May 2017 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.