14/05/2017
Cluinnidh sinn mun Urr Iain Ros, miseanaraidh ann an Sìona is Coiria aig an robh deich cà nain air a theanga. Series of letters in Gaelic to aid people learning the language.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 626
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 930
Duration: 05:00
Litir do Luchd Ionnsachaidh 930
O chionn grunn bhliadhnaichean, sgrìobh mi agus dh’aithris mi mun Urramach Iain Ros. Bha e ainmeil mar mhiseanaraidh ann an Coirìa is Sìonaidh anns an naoidheamh linn deug. Gheibhear lorg air a’ chunntas agam ann an Litrichean dà cheud seasgad ʼs a naoi (269) agus dà cheud is seachdad (270).
           Bhuineadh Ros do sgìre nam bailtean mara ann an Ros an Ear agus bha Gà idhlig aige mar chiad chà nan. Bha a’ Ghà idhlig gu math là idir anns an sgìre sin aig an à m sin. ʼS dòcha gun robh a dhà -chà nanas na chuideachadh dha oir fhuair e obair mar mhiseanaraidh am measg muinntir Choirìa, gu h-à raidh an fheadhainn a bha a’ fuireach ann am Manchuria a tha an-diugh mar phà irt de Shìona. Dh’ionnsaich e Coirìanais gu fileantachd ach cha b’ e sin e airson chà nanan. Bha aona chà nan deug aige. Bha e cho fileanta ann an Coirìanais ʼs gun do dh’eadar-theangaich e an Tiomnadh Nuadh don chà nan sin.
           Cha robh cùisean rèidh no furasta do mhiseanaraidhean Crìosdail ann an Sìona. Bha gu leòr dhen bheachd gun robh na miseanaraidhean a’ sparradh modhan cèin orra, agus gun robh iad mar phà irt de dh’iomairt airson na dùthchannan aca a cheannsachadh. Aig deireadh an naoidheamh linn deug bha Ar-a-mach nam Bogsairean ann. Chuir dùthchannan Siarach armailtean ann airson na Sìonaich a cheannsachadh.
Chaidh na mìltean de Chrìosdaidhean a mharbhadh anns an ar-a-mach. Chaidh an eaglais a stèidhich an t-Urr. Iain Ros a losgadh gu là r. Aig a’ cheann thall, thill Ros a dh’Alba agus chaochail e ann an Dùn Èideann. Ach tha e urramach is ainmeil ann an Coirìa is Sìona an-diugh.
           Carson a tha mi a’ beachdachadh air Iain Ros? Tha, a chionn ʼs gun do lorgadh là mh-sgrìobhainn Sìonach ann an Tasglann Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann o chionn ghoirid. Tha i air a bhith anns an Tasglann airson ùine mhòr. Ach ʼs ann dìreach o chionn ghoirid a chaidh a h-eadar-theangachadh.
           Chaidh an là mh-sgrìobhainn a chur a-mach leis an Ìmpire Kuang Hsu an dèidh do dh’Ar-a-mach nam Bogsairean thighinn gu crìch ann an naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901). Bha an t-Ìmpire ag iarraidh air a’ mhòr-shluagh a bhith bà igheil ri Crìosdaidhean, gum fosgladh na h-eaglaisean às ùr agus gum biodh sìth ann. Tha an là mh-sgrìobhainn gu math cudromach mar fhianais eachdraidheil air na thachair aig an à m sin.
           Ach bu chòir dhuinn a bhith a’ cuimhneachadh gur dòcha nach robh Kuang Hsu a’ cur an cèill a bheachd fhèin gun cuideigin eile a bhith a’ coimhead thar a ghualainn. Bha ochd dùthchannan an sàs ann a bhith a’ ceannsachadh an ar-a-mach – Breatainn, na Stà itean Aonaichte, an Fhraing, an Ostair-Ungaire, a’ Ghearmailt, an Eadailt, an Ruis agus Iapan – agus chuir iad còrr is caogad mìle saighdear an sà s.
           An dèidh an ar-a-mach, nuair a bha sìth ann, bha Iain Ros an sàs ann an còmhraidhean le Riaghaltas Shìonaidh a thaobh eaglaisean Pròstanach fhosgladh às ùr agus a thaobh airgead-dìolaidh mu choinneimh na sgrios a chaidh a dhèanamh. Mar sin, tha deagh sheans ann gur e a thug dhachaigh an là mh-sgrìobhainn seo a dh’Alba.
           Bha na h-eaglaisean Pròstanach ann an Sìonaidh fosgailte an uair sin airson deicheadan, ach dhùin iad a-rithist anns na seasgadan is seachdadan. Ach ʼs e sgeul eile a tha sin.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: fileantachd: fluency; An Tiomnadh Nuadh: The New Testament; Ar-a-mach nam Bogsairean: The Boxer Rebellion; armailtean: armies; deicheadan: decades.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: sgrìobh mi agus dh’aithris mi mun Urramach Iain Ros: I wrote about and reported on the Rev. John Ross; ainmeil mar mhiseanaraidh ann an Coirìa: famous as a missionary in Korea; sgìre nam bailtean mara ann an Ros an Ear: the area of the seaboard villages in Easter Ross; gu h-à raidh an fheadhainn: particularly those; a tha an-diugh mar phà irt de Shìona: that is today part of China; cha robh cùisean rèidh no furasta do mhiseanaraidhean Crìosdail: matters weren’t straightforward or easy for Christian missionaries; a’ sparradh modhan cèin orra: forcing foreign practices on them; mar phà irt de dh’iomairt airson na dùthchannan aca a cheannsachadh: as part of a campaign to subdue their countries; chaidh an eaglais a stèidhich X a losgadh gu là r: the church that X established was burned to the ground; a chionn ʼs gun do lorgadh là mh-sgrìobhainn Sìonach ann an Tasglann Eaglais na h-Alba: because a Chinese document was found in the Church of Scotland Archives; a chaidh a h-eadar-theangachadh: that it [fem] was translated; bha an t-Ìmpire ag iarraidh air a’ mhòr-shluagh a bhith bà igheil ri Crìosdaidhean: the Emperor was wanting the people to be positive towards Christians; a’ cur an cèill a bheachd fhèin gun cuideigin eile a bhith a’ coimhead thar a ghualainn: expressing his own opinion without somebody else looking over his shoulder; chuir iad còrr is caogad mìle saighdear an sà s: they sent more than fifty thousand soldiers; airgead-dìolaidh mu choinneimh na sgrios: financial compensation for the damage; dhùin iad a-rithist anns na seasgadan is seachdadan: they closed again in the sixties and seventies; ʼs e sgeul eile a tha sin: that’s another story.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Gheibhear lorg air a’ chunntas agam: my account is available/can be found. Gheibhear is a future passive form of the irregular verb faigh/a’ faighinn and literally means ‘will be got’, although it includes ‘can be got’. It is extremely useful eg gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air an là raich-lìn ‘more information can be obtained on the website’; gheibhear cuidhteas e air an òtrach ‘it can be got rid of at the dump’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: cha b’ e sin e airson chà nanan: that wasn’t it [wasn’t the entire story] regarding languages.
Broadcasts
- Sun 14 May 2017 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 17 May 2017 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.