04/06/2017
Tha an litir aig Ruairidh a-mach air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus an ceangal a bh' aice ri trà illealachd.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 629
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 933
Duration: 05:00
Litir 933: Trà illeachd agus Alba (1)
Bha mi a’ bruidhinn mu chuilc an t-siùcair an t-seachdain sa chaidh. Sugar cane. Cuilc an t-siùcair. Air a’ chiad shealladh, ʼs dòcha nach eil cus cheanglaichean ann eadar muinntir na h-Alba agus an lus seo. Ach cha bhiodh sin ceart. ʼS iomadh Albannach a fhuair fearann fo sgèith na h-Ìmpireachd agus a dh’fhàs cuilc an t-siùcair air. Bha sin gu h-à raidh fìor anns na h-Innseachan an Iar.
           Agus tha sin gam thoirt gu ceist. A bheil sinne ann an Alba fosgailte gu leòr mun ìre anns an robh ar sinnsirean an sàs ann an trà illeachd? Cha chreid mi fhìn gu bheil. ʼS iomadh togalach brèagha ann an Glaschu a chaidh a thogail le airgead a rinneadh à trà illeachd. ʼS iomadh duine dubh, le sinnsireachd à Iameuga is à iteachan eile air a bheil ainm-cinnidh Albannach. Caimbeul, Dòmhnallach is mar sin air adhart. B’ iad sin ainmean a bh’ air Albannaich a bha a’ cumail thrà illean.
           An-uiridh bha mi a’ dèanamh beagan rannsachaidh air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. ʼS e sgoil ùr a th’ innte anns an latha a th’ ann, agus sgoil mhòr cuideachd. ʼS i an à °ù»å-²õ²µ´Ç¾±±ô ann an Inbhir Nis anns a bheil cuspairean air an teagasg tro mheadhan na Gà idhlig. Ach, o shean, mus robh an sgoil fo smachd nan ùghdarrasan poblach, bha airgead innte a thà inig à trà illeachd. Thathar a’ tomhas gun tà inig an treas cuid dhen chalpa airson an acadamaidh a thogail à s na h-Innseachan an Iar. Bhiodh cuid dheth à s oighreachdan far an robhar a’ fà s cuilc an t-siùcair.
           O thùs bha an acadamaidh air srà id ùr – New Street – faisg air far a bheil Stèisean-rèile Inbhir Nis. Fhuair an sgoil cùmhnant rìoghail bho Rìgh Deòrsa III ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a trì (1793). Bha i air an là raich sin airson beagan is ceud bliadhna. Chaidh ainm ùr a thoirt air an t-srà id – Academy Street – Srà id na h-Acadamaidh – agus ʼs e sin a th’ oirre fhathast. Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig (1895), ghluais i gu à ite ùr air a’ Chrùn agus bha i an sin airson còrr is ceithir fichead bliadhna.
           Rinn an t-eòlaiche-eachdraidh, Daibhidh Alston, rannsachadh air clann dubha a bha nan sgoilearan ann an sgoiltean na Gà idhealtachd anns an naoidheamh linn deug. Bha e air cluinntinn gun robh Ùisdean Mac a’ Mhuilleir – an t-eòlaiche air creagan is fosailean – air a bhith na shuidhe san sgoil ann an Crombaidh ri taobh sgoilear dubh. Agus nuair a rinn e rannsachadh air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, fhuair an t-Oll. Alston a-mach gun robh triùir sgoilearan dubha anns an sgoil sin. ʼS e a bh’ annta ach clann aig fir às a’ Ghà idhealtachd a bh’ air boireannaich dhubha a phòsadh nuair a bha iad a’ ruith no ag obair air tuathanasan siùcair anns na h-Innseachan an Iar. Bha cuid de na boireannaich sin nan trà illean.
           Tha Daibhidh Alston dhen bheachd gun robh muinntir na h-Alba gu math fosgailte mu dhaoine dubha aig an à m sin. Bha iad car saor de ghrà in-chinnidh, ged a bhiodh sin ag atharrachadh tro thìde. An-ath-sheachdain bheir mi sùil air turas a rinn trà ill Ameireaganach a dh’Alba – mar a mhol e Dùn Èideann ach mar a thug e slaic air an Eaglais Shaoir – an eaglais aig Ùisdean Mac a’ Mhuilleir – airson airgead a ghabhail à trà illeachd.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: cuilc an t-siùcair: sugar cane; Na h-Innseachan an Iar: The West Indies; sinnsirean: ancestors; Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: Inverness Royal Academy; ±ðò±ô²¹¾±³¦³ó±ð-±ð²¹³¦³ó»å°ù²¹¾±»å³ó: historian; Ùisdean Mac a’ Mhuilleir: Hugh Miller.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Air a’ chiad shealladh: at first sight; cuilc de sheòrsa air choireigin eile: cane of another type; nach eil cus cheanglaichean ann: there aren’t too many links; ʼs iomadh Albannach a fhuair fearann fo sgèith na h-Ìmpireachd: many a Scot got land under the auspices of the Empire; ʼs iomadh duine dubh, le sinnsireachd à Iameuga air a bheil ainm-cinnidh Albannach: many a black person with Jamaican ancestry carries a Scottish surname; mus robh an sgoil fo smachd nan ùghdarrasan poblach: before the school was in the hands of the public authorities; bhiodh cuid dheth às oighreachdan far an robhar a’ fàs cuilc an t-siùcair: some of it would [have been] from estates where sugar cane was being grown; airson beagan is ceud bliadhna: for a little over a hundred years; ghluais i gu à ite ùr air a’ Chrùn: it moved to a new site on the Crown [part of Inverness]; air a bhith na shuidhe san sgoil ann an Crombaidh ri taobh sgoilear dubh: had been sitting at school in Cromarty next to a black pupil; ʼs e a bh’ annta ach clann aig fir às a’ Ghà idhealtachd a bh’ air boireannaich dhubha a phòsadh: they were children of Highland men who had married black men; bha cuid de na boireannaich sin nan trà illean: some of those women were slaves; car saor de ghrà in-chinnidh: rather free from racial prejudice; mar a thug e slaic air an Eaglais Shaoir: how he criticized the Free Church.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ʼS e sgoil ùr a th’ innte – ‘it’s a new school’; ʼS i an à °ù»å-²õ²µ´Ç¾±±ô – ‘it’s the high school’. Do you understand why I’ve used ʼS e in the first example and ʼS i in the second? In the latter, sgoil is a feminine noun (and therefore à °ù»å-²õ²µ´Ç¾±±ô is feminine) so we use the feminine pronoun with the assertive verb; compare it to ‘is mise’ when introducing yourself. However, the former employs the phrase ʼs e X a th’ ann an Y and it is always ʼs e even if the noun is feminine (eg ʼs e cailleach ghlic a th’ innte) or plural (eg ʼs e saighdearan a th’ annta).Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Cha chreid mi fhìn gu bheil: I don’t personally think we are.
Broadcasts
- Sun 4 Jun 2017 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Jun 2017 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.