Episode 57
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDh貌mhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Air an 13mh den D脿mhair 1917, bha na Gearmailtich a' cur air adhart Operation Albion - plana airson eileanan aig beul Camus Riga far cladach Estonia an Iar, aig an 脿m na ph脿irt de Phoblachd na Ruis, a ghabhail thairis. Lean sabaid mh貌r agus muir 's air t矛r agus mu dheireadh fhuair na Gearmailtich sealbh air Eilean Moon.
Aig briseadh an latha air an 15mh den D脿mhair chaidh an dannsair Gertrud Margarete Zelle, ainmeil mar Mata Hari, a chur gu b脿s aig Vincennes air iomall Pharis, an d猫idh dhith a bhith air a faighinn ciontach mar neach-brathaidh. Bha i ainmeil chionns gum biodh i a' dannsa air an 脿rd-霉rlair cha mh貌r gun stiall aodaich oirre. Bha i d脿 fhichead 's a h-aon nuair a chaidh a cuir gu b脿s 's chun an latha an-diugh chan eil e idir soilleir ciamar no c貌 dh脿 a bha i na neach-brathaidh. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDh貌mhnaill mun cheangal a bh' aice ri Alba.
Cluinnidh sinn bho Mhurchadh MacIllFhinnein 脿 Beinn na Faoghla agus e ag innse mar a chaidh losgadh air le cuimisear air an 25mh den D脿mhair 1917 's e an impis Mills Grenade a thilgeil do thrainnse nan Gearmailteach.
A thuilleadh air a sin cluinnidh sinn mu thuras tiamhaidh a rinn athair Thormoid MhicAonghais 脿 Tung a Le貌dhas a shealltain air san ospadal an Glaschu agus e air a le貌n.
Air an 30mh den D脿mhair bha an SS Cambric air a slighe eadar Tunis agus Breatainn le cargu gual. Mu mheadhan-oidhche chaidh a cur fodha le torpedo bho U-35. Bha Coinneach MacPh脿il 脿 脌rnol ann a Le貌dhas na ghunnair air a' Chambric agus san oidhche dhubh-dhorch chaidh aige fh猫in agus d貌rlach dhaoine eile air leum dhan mhuir agus sn脿mh air falbh. Chaidh duine an d猫idh duine dhiubh a bh脿thadh ach chaidh aig MacPh脿il air cumail a' dol. Cluinnidh sinn mar a chaidh dha.
Air an aon l脿 bha an t-sabaid dha-r矛ribh cruaidh aig Passchendaele. Ghlac na Can猫idianaich na bh' air fh脿gail de thalamh 脿rd agus r脿inig iad iomall a' bhaile. Th貌isich na Breatannaich ionnsaigh 脿s 霉r.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 6 Nov 2017 12:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Mon 6 Nov 2017 22:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 12 Nov 2017 13:00大象传媒 Radio nan G脿idheal