Alasdair MacIllÃŒosa aig 80
An seinneadair ainmeil ann an còmhradh ri Iain MacIlleMhìcheil mu bheatha.
The singer Alasdair Gillies in conversation with John Carmichael as he celebrates his 80th birthday.
Bha 80 bliadhna air an 7mh den Fhaoilleach 2018 bho rugadh an seinneadair (agus am fiaclar) Alasdair MacIllÌosa an Glaschu. Sa phrògram tha e ag innse mu bheath inntinneach gach cuid a thaobh seinn agus fiaclaireachd; cha robh an duine idir na thà mh. 'S cluinnidh sinn dìreach earann bheag den iomadh òran a chlà r e.
B' ann às an Eilean Sgitheanach a bha pà rantan Alasdair agus thog iad orra a Shlèibhte agus b' ann an Sgoil Eilean Iarmainn a thòisich e fhoghlaim. Cha robh iad an sin ach bliadhna ge-tà , nuair a thill iad a Ghlaschu. Bhiodh e seinn ann an Sgoil Hillhead 's aig aois 10 fhuair e Bonn Airgid airson seinn aig a' Mhòd ann an 1948 agus lean e air a' seinn aig mòdan às dèidh sin. Bha e cuideachd a' faighinn oideachadh seinn san RSAMD agus bhuannaich e Bonn Òir a' Chomuinn aig Mòd, 1957 an Inbhir Nis. Dh’ fhosgail sin mòran dhorsan dha agus cluinnidh sinn mu chuid de na dorsan ainmeil air na ghnog e na chòmhradh le Iain MacIllMhìcheil agus mun iomadh prògram telebhisean san robh e a' sà s.
Ach a thuilleadh air a bhith math air seinn bha e cuideachd math air fiaclaireachd. Fhuair e duaisean airson fiaclaireachd na oileanach an Oilthigh Ghlaschu agus fhuair e a' chiad obair ag oideachadh oileanaich an Beul Feirste. Thill e a dh' Oilthigh Ghlaschu a-rithist a' teagasg agus a' dèanamh mòran seinn cuideachd. Bha sin trom air ge-tà , oir bha e a' seinn air feadh na dùthcha, an còmhnaidh na ruith! Airson cùisean a leasachadh chaidh e steach gu practice-teaghlaich fiaclaireachd. Ann an 1982 chaidh e fhèin is a bhean Angela a Saudi Arabia far an robh sgioba mòr ag obair dha, corr is ceud le roinn mòr fiaclaireachd. Thòisich Cogadh a' Ghulf an uair sin agus gheibh sinn sealladh air cò ris a bha e coltach a bhith fuireach ann an dùthaich sa robh cogadh a' dol bhuaithe.
Last on
Broadcasts
- New Year's Day 2018 20:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 15 Oct 2018 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 15 Oct 2018 23:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 16 Oct 2018 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 16 Oct 2018 23:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Oct 2018 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal