Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDh貌mhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.

Bha sanas ann am P脿ipear an 脪bain air 18mh den Cheitein 1918 ag innse mu na riaghailtean 霉ra co-cheangailte ri togail dhaoine dhan Chogadh, mar a tha Gilleasbuig MacDh貌mhnaill ag aithris. Chuir a' Ph脿rlamaid an aois airson seo suas anns a' Ghiblean gu 51 air sg脿th na bha de shaighdearan gan call san Fhraing ann an Iomairt an Earraich. Anns an t-sanas a bha sa ph脿ipear, bha liosta fada de na h-obraichean ris nach biodh an riaghailt seo a' buntainn, leithid obair fearainn is seirbheisean feumail eile.

Bha artaigil sa ph脿ipear cuideachd mu na gearainean a bha aig tuathanaich chaorach mun a' phr矛s a bha iad a' faighinn on Riaghaltas airson cl貌imh.

Bha moran ionnsaighean bhon adhar air gach taobh agus bha na bomairean Gearmailteach ag amas gu h-脿raidh air drochaid air Abhainn aig Etaples ach bhuail cuid de na bomaichean aca togalaichean eile sa bhaile. Nam measg bha d脿 ospadal Can猫idianach. Chaidh c貌rr is 60 a mharbhadh, nam measg tri霉ir nursaichean. Dh'fhuirich a' chuid mh貌r de na nursaichean c貌mhla ri na le貌intich an 脿ite dhol a lorg fasgadh, agus chaidh Bonn a' Mh矛lidh son gaisge a thoirt do dhithis dhiubh air sg脿th sin.

Bha iomraidhean anns an Highland News a' gearain air obair Riaghladair a' Bhidhe. Bha aon litir a' c脿ineadh an t-se貌rsa arain a bha ri fhaighinn sa cheann-a-tuath. Bha litir eile ann a' gearain air cho toinnte is a bha an ceisteachan a dh'fheumadh daoine a l矛onadh airson leabhar rations fhaighinn. A r猫ir an sgr矛obhaiche cha robh barrachd air deich neach 脿s a' cheud ann an Siorrachd Rois a bha comasach air a l矛onadh a-steach ceart.

Air 27mh den Ch猫itein chuir a' Ghearmailt air chois Iomairt Bl眉cher-Yorck, an treas p脿irt de Iomairt an Earraich, ann an sg矛re Abhainn Aisne. Th貌isich am bl脿r sa mhadainn leis a' Ghearmailt a' losgadh air na Co-ch貌mhragaich le c貌rr is 400 gunna-m貌r. Bha na gunnachan a' cuimseachadh gu h-脿raidh air Druim Chemin des Dames far an robh feachd Breatannach fon t-Seanalair Sir Alexander Hamilton-Gordon air an suidheachadh. Gheibh sinn a-mach ciamar a chaidh am bl脿r.

Ged a bha an t-sabaid a' dol cho cruaidh 's bha e riamh eadar aibhnichean an Oise 's a' Mharne, bha an naidheachd 脿s an Fhraing thairis air an deireadh sheachdain aig toiseach an 脪gmh矛os 1918 a' toirt fa-near gun robh casg ga chur air ionnsaigh mh貌r na Gearmailt.

A dh'aindheoin cuideam bho na feachdan Gearmailteach bha na Frangaich a' seasamh aca gu daingeann. 'S e gl猫 bheag de dh'adhartas a bha iad a' d猫anamh agus b'e an aon rud a bha na uallach gun robh an talamh 脿rd an iar air Chateau Thierry, c貌rr is d脿 fhichead m矛le bho Paris a-nis ann an l脿mhan nan Gearmailteach.

Air an treas latha thug riaghaltasan Bhreatainn, na Fraing agus na h-Eadailt geallaidhean seachad aig Versailles a' cur taic ri muinntir na P貌lainn, Cecaich, Slobh脿cianaich agus Iugosl脿bhaich a bha ag iarraidh f猫in-riaghladh. B'e innleachd a bha seo gus toirt air na d霉thchannan sin gluasad air falbh bho bhuaidh na Gearmailt, rud a thigeadh gu buil ro dheireadh na bliadhna.

Agus bha iomradh ga thoirt air gaisgeachd eileanach eile ann an Gaseat Lunnainn: Seumas MacIain, Seumas Beag 'ain Johnson 脿 Loch a' Ch脿rnain an Uibhist a Deas. Bha Seumas air Bonn a' Mhilidh fhaighinn cheana ann an 1917 agus choisneadh e duais DCM mus biodh an cogadh seachad. 'S iongantach gun robh saighdear eile 脿 Uibhist a Deas a choisinn uiread de bhuinn sa Chogadh Mh貌r ris.

30 minutes

Last on

Sun 10 Jun 2018 13:00

Broadcasts

  • Mon 4 Jun 2018 12:00
  • Mon 4 Jun 2018 22:00
  • Sun 10 Jun 2018 13:00