Litir do Luchd-ionnsachaidh 992
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 992.
Last on
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 688
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 992
Duration: 05:00
Litir 992: Ùrnaigh na creubhaig
A Thrianaid Bheannaichte, tha Thu ann an Ameireagaidh agus Astrà ilia, agus tha Thu ann an seo an-drà sta. Tha thu mar an iasg air an dubhan ʼs nach leig an reothairt dheth Thu. O Thusa, a Thrianaid Bheannaichte, tha Thu ann an seo an-drà sta, agus anns a’ Ghà idhealtachd agus ann an Inbhir Nis ʼs air na stìopallan à rda. Tha Thu an seo an-drà sta, agus sìos aig Baile Dhubhthaich. Tha Thu a’ toirt taigh sglèata do na h-uaislean, ach thug Thu dhomh a-mhà in bothan dubh sùitheach nach cum a-mach boinn’ uisge, agus a h-uile deur a’ tuiteam ann am brochan Fhearchair.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Uill, a-nise, chan ann tric a bhios mi a’ tòiseachadh na Litreach le ùrnaigh! Ach tuigidh sibh nach e ùrnaigh à bhaisteach a th’ innte. Cha chreid mi gun robh i air a lìbhrigeadh riamh o chùbaid ann an eaglais. Ach bha i co-cheangailte ri fear air an robh Fearchar mar ainm. A bheil fios agaibh cò am Fearchar?
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Seo beagan a bharrachd dhen ùrnaigh: Beannaich an gobha a dhealbhas a’ chruaidh a ghearras an t-iarann airson a sparradh anns na clachan. Beannaich an talamh, a Thrianaid, agus an là thach, a’ chearc bhuidhe leis na h-eòin, a’ bhò bhà n, am bainne agus na caoraich. Beannaich mar an ceudna na h-eich, na cairtean, na crainn agus na cliathan, an coirc, an t-eòrna, am buntà ta, an teine, an t-uisge agus a h-uile seòrsa de shoithichean – seadh, beannaich iad, a Thrianaid Bheannaichte.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Uill, bu chòir dhomh innse dhuibh cò am fear a sgrìobh an ùrnaigh, a rèir aithris, co-dhiù. Fearchar a’ Ghunna. Chan eil ainm Beurla aige, ach canaidh cuid ‘The Ross-Shire Wanderer’ ris. Bhuineadh e do Shrath Chonain faisg air Inbhir Pheofharain. Rugadh e ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a ceithir (1784). ʼS e falbhanach a bh’ ann, agus bheir sinn sùil air a bheatha an-ath-sheachdain. Ach tha mi airson tuilleadh dhen ùrnaigh aige a thoirt dhuibh. Tha mi cinnteach gu bheil i a’ dèanamh dealbh de bheatha Fhearchair – a bha gu cinnteach na chreidmheach.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Beannaich na craobhan, am feur agus mòine, an conasg, am fraoch, an raineach agus an t-aiteann. Beannaich mar an ceudna, a Thrianaid, na gunnachan, am fùdar agus luaidhe, na ròcaisean, na pioghaidean, cearcan-fraoich, maighich agus coineanan. Beannaich mar an ceudna na fèidh, na h-earban, na lachan fiadhaich agus callaidh, na geòidh, na faoileannan, na coin agus na cait, na luchan, radannan agus famhan. Beannaich an t-iasg anns a’ mhuir, loch, abhainn agus sruth, ach beannaich gu h-à raidh an sgadan mòr math a tha sinn a’ faighinn leis a’ bhuntà ta.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý A, uill, tha e furasta aithneachadh dè am biadh a b’ fheà rr leis ar laoch! Ach dè eile a bu toigh leis? Uill, thig sinn gu sin ann an tiotan. ʼS e ainm na h-ùrnaigh seo Ùrnaigh na Creubhaig. ʼS e ainm car annasach a th’ ann oir, mar as trice, bidh am facal creubhag a’ riochdachadh boireannach beag, seach fear beag. Co-dhiù, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh a-nise deireadh na h-ùrnaigh:Â
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus beannaich, a Thrianaid Bheannaichte, na pìoban tombaca, cruaidh agus clachan spor, cnà mhan, itean, luideagan, iuchraichean agus iarann. Beannaich mar an ceudna am fiodh, cainb, cotain agus tì ʼs siùcar, ged nach eil cuibhreann Fhearchair bhochd dhiubh ach beag. Beannaich a h-uile nì, a Thrianaid Bheannaichte, oir chruthaich Thusa, Thu Fhèin iad uile. Amen.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Baile Dhubhthaich: Tain; ±ôà ³Ù³ó²¹³¦³ó: gutter; falbhanach: wanderer, person of no fixed abode; cearcan-fraoich: grouse (plural); famhan: moles; cainb: hemp.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: iasg air an dubhan ʼs nach leig an reothairt dheth Thu: a fish on the hook and the high [spring] tide will not release you; air na stìopallan à rda: on the high steeples; Tha Thu a’ toirt taigh sglèata do na h-uaislean: You give the gentry a slate-roofed house; thug Thu dhomh a-mhà in bothan dubh sùitheach nach cum a-mach boinn’ uisge: You only gave me a sooty black bothy that won’t keep out a drop of water; a h-uile deur a’ tuiteam ann am brochan Fhearchair: every drop falling in Farquhar’s porridge; nach e ùrnaigh à bhaisteach a th’ innte: that it’s not a normal prayer; beannaich an gobha a dhealbhas a’ chruaidh a ghearras an t-iarann airson a sparradh anns na clachan: bless the blacksmith who creates the steel that cuts the iron to be driven into the stones; mar an ceudna: likewise; na crainn agus na cliathan: the ploughs and the harrows; bhuineadh e do Shrath Chonain faisg air Inbhir Pheofharain: he belonged to Strathconon near Dingwall; am feur agus mòine, an conasg, am fraoch, an raineach agus an t-aiteann: the grass and peat, the gorse, the heather, the bracken and the juniper; na h-earban, na lachan fiadhaich agus callaidh, na geòidh, na faoileannan: the roe deer, the ducks, wild and tame, the geese, the seagulls; an sgadan mòr math a tha sinn a’ faighinn leis a’ bhuntà ta: the good, big herring that we get with potato; tha e furasta aithneachadh dè am biadh a b’ fheà rr leis ar laoch: it is easy to recognise what food our hero liked best; clachan spor, cnà mhan, itean, luideagan: flints, bones, feathers, rags; ged nach eil cuibhreann Fhearchair bhochd dhiubh ach beag: even though poor Farquhar’s share of them is but small.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: na ròcaisean, na pioghaidean, cearcan-fraoich, maighich agus coineanan: if you’re a Gaelic learner in Easter Ross, with no native dialect speakers to help you, old accounts like Ùrnaigh na Creubhaig can help you find out what words were used locally. ¸éò³¦²¹¾±²õ±ð²¹²Ô is translated in the book ‘Fearchar a’ Ghunna’ as ‘crows’ not ‘rooks’. Pioghaidean ‘magpies’ are rare in the north these days – were they once more common? Maighich is ‘hares’ (rather than gearran) and coineanan is used for ‘rabbits’ rather than coineanaich or rabaidean.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: A Thrianaid Bheannaichte: Oh, Blessed Trinity.
Broadcasts
- Sun 22 Jul 2018 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 25 Jul 2018 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.