Episode 70
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDh貌mhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Th貌isich Dara Bl脿r a' Mharne air 15mh den Iuchar 1918, le na Gearmailtich a' toirt ionnsaigh air loidhne na Frainge thairis air 50 m矛le, an ear agus an iar air baile Rheims. Bha am batal seo gu bhith air leth cudromach ann an eachdraidh a' Chogaidh. Chaidh bacadh a chur air an ionnsaigh Ghearmailteach air taobh sear Rheims, eadar Prunay agus Massiges. Chun an iar, eadar Coulommes agus Fossoy, bhuannaich Arm na Gearmailt tr矛 m矛le gu leth de dh'fhearann is fhuair iad tarsainn air a' Mharne aig Fosse. Innsidh Gilleasbuig MacDh貌mhnaill mar a lean c霉isean.
Bha artaigil anns an Ross-shire Journal ag innse gu robh c貌mhraidhean a' dol anns a' Hague eadar riochdairean Bhreatainn is na Gearmailt mu iomlaid phr矛osanaich a leigeadh le cuid de na Breatannaich a bha sa Ghearmailt tilleadh dhachaigh.
Agus air an 18mh bhuilich an Fhraing an Croix de Guerre air Anna NicFhionghain, Anna Iain Breabadair 脿 R貌dhag san Eilean Sgitheanach, airson a gaisge mar nurs anns a' chogadh san Fhraing.
Air an t-seachdain mu dheireadh den Iuchar 1918, chaidh aig Arm na Frainge air c霉isean fhaighinn air ais gu mar a bha iad mus do th貌isich ionnsaigh mh貌r na Gearmailt air an t-seachdain ron a seo. Bha am p脿tran sin dol a leantainn, air is dheth, gu deireadh a' Chogaidh. B' fheudar dhan Ghearmailt tilleadh air ais tarsainn air a' Mharne aig toiseach na seachdain, a' f脿gail a' bhruaich a deas fo smachd na Frainge. Rinn an Fhraing adhartas cuideachd eadar Soissons is Abhainn Ourcq.
Uile-gu-l猫ir chaidh c貌rr is 20,000 saighdear Gearmailteach a chur an greim an seo, agus chaidh sealbh fhaighinn air ceithir cheud gunna.
Chaidh an tr脿lair armaichte, an Locheil, a chur fodha, a r猫ir coltais le m猫inn, far cladach an ear-thuath Shasainn. Chaidh Alasdair Robasdan 脿 Breacais an Eilein Sgitheanaich agus Aonghas Moireasdan, Aonghas Aonghais Thormaid 脿 脵ige Le貌dhais, a bh脿thadh nuair a chaidh an Locheil fodha. 'S ann le companaidh Dhaibhidh Mhic a' Bhruthainn a bha i agus thug an riaghaltas dhaibh b脿ta eile na h-脿ite an d猫idh a' Chogaidh.
Ghearain Riaghaltas Sobhietach na Ruis air an 26mh mu mar a chaidh saighdearan o na Co-ch貌mhragaich a chur air t矛r air costa Murman an ceann-a-tuath na d霉thcha aca. Bha iad den bheachd nach b'ann airson an cuideachadh a bha seo ach airson cur 脿s dhan Riaghaltas choimiunach aca. Thuirt iad gu robh an gluasad seo, nam beachd-san, co-ionnan ri bhith gairm cogadh nan aghaidh.
Bha Arm nan Co-ch貌mhragach fhathast dl霉th air s脿il nan Gearmailteach aig deireadh an Iuchar 1918, agus an ruaig a' leantainn gu tuath air Abhainn Mharne. Bha iad a-nise naoi m矛le an ear-thuath air Chateau Thierry. Air an 28mh l脿 chaidh baile F猫re-en-Tardenois a ghabhail thairis leotha. Chaidh na h-Ameirigeanaich tarsainn air Abhainn Ourcq air an aon latha, agus ghabh iad sealbh an d猫idh sin air ceithir bailtean eile. Beagan an d猫idh meadhan-latha rinn an 15th (Scottish) Division, fo chomannd an t-Seanalair Fhrangach Mangin, oidhirp 脿s 霉r air baile Buzancy a ghabhail thairis, le taic o na h-aonadan Frangach, Ameirigeanach is Breatannach air gach taobh dhiubh. Bha Buzancy agus an talamh 脿rd mun cuairt air cudromach ma bha na Frangaich dol a thogail air an adhartas a rinn iad gu seo anns an sg矛re. Cluinnidh sinn mar a bha R猫isimeid nan S矛ophortach an teas-mheadhan na sabaid le cunntas bhon Lieutenant Alasdair MacTh貌mais, no Aileagan Sheumais 脿 Tung ann an Le貌dhas. Ach chaidh 脿ireamh mh貌r de na saighdearan S矛ophortach a mharbhadh san t-sabaid.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 6 Aug 2018 12:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Mon 6 Aug 2018 22:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 12 Aug 2018 13:00大象传媒 Radio nan G脿idheal