An t- Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba ann an Cill Tighearna
Còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba ann an Cill Tighearna.
Gaelic religious service with Rev Donnie MacSween, Church of Scotland, Kiltearn.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 66: 6-7 air fonn Montrose agus ‘s e Iain MacPhilip a tha os cionn na seinn agus Salm 16: 10-11 air fonn Martyrdom le Ruairidh Seathach os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Eaglais na h-Alba ann an Eilean Bheà rnaraigh.
Laoidhean Eachainn MhicFhionghuin: Cuairt a’ Mhòid agus Ionndrainn a’ Bhà ird air an seinn leis an Urr Donaidh MacSuain agus a’ seinn Bainne Fìorghlan an Uain bha Alasdair MacPhilip.
Leughaidhean: Mata 25: 31-46
Leabhar an Taisbeanaidh 19: 5-9
Eòin 16: 20-22
Buinidh Donaidh MacSuain do bhaile Sgarastadh anns Na Hearadh agus chaidh e don sgoil san Òb agus air an Tairbeart. Chuir e seachad dà bhliadhna an dèidh sin ann an Àrd-sgoil Inbhir Nis mus do thòisich e ag obair ann am bùth Littlewoods sa bhaile.
B' ann an 1974 thòisich e ag obair là n ùine aig Littlewoods agus chuir e seachd ochd bliadhna ann am bailtean mòra air feadh na rìoghachd, nam measg Lunnainn agus Oxford. Ghluais e a Ghlaschu an dèidh sin agus thòisich e anns an oilthigh, a' ceumnachadh le BD ann an 1990.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ceann Loch Biorbahidh ann an 1991 far an robh e na mhinistear airson sia bliadhna. Às dèidh sin ghluais e gu Baile Eoghain agus tha e air a bhith an sin bhon uair sin. Tha ùidh mhòr aig Donaidh ann an ceòl, gu h-à raidh ceòl soisgeulach, Gà idhealach agus clasaigeach. Tha e air mòran CD- agus DVDan a thoirt a-mach. Cluichidh e fhèin iomadh seòrsa inneal-ciùil, nam measg an clarinet; inneal a tha e a' faighinn air leth freagarrach airson laoidhean agus ceòl Gà idhealach. Tha a' Ghà idhlig air a bhith na thlachd mhòr dha a-riamh agus tha e a' dèanamh iomadh oidhirp an cà nan agus an ceòl a bhrosnachadh.
Last on
An t- Urr Donaidh MacSuain
Broadcasts
- Sun 7 Oct 2018 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Oct 2018 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Sep 2019 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Sep 2019 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal