Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tasglann: Niall MacLeòid, èildear Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain - 2000

Seirbheis bho 2000 còmhla ri Niall MacLeòid, èildear Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain.
Gaelic archive service with the late Neil MacLeod, elder Dingwall Free Church (2000).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 67: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e an t-Urr Calum Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland.

Salm 34: 15-17 air fonn Torwood agus ‘s e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chàrlabhaigh.

Salm 132: 3-4 air fonn Bangor agus ‘s e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.

Leughadh: Lùcas 11: 1-23
Ceann-teagaisg: Lùcas 11:23

B’ ann do Dhùn Chàrlabhaigh a bhuineadh Niall MacLeòid ged a rinn e dhachaigh ann an Inbhir Pheofharain. Bha e pòsta ann an sin agus bha aon nighean aca. Bha Mgr Macleòid a’ teagasg obair teicneolach anns an àrd-sgoil s a’ bhaile. Bha e cuideachd na èildear ann an Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain airson còrr air leth-cheud bliadhna.

30 minutes

Last on

Sun 7 Oct 2018 21:00

Niall MacLeòid nach maireann, èildear Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain

Niall MacLeòid nach maireann, èildear Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain

Broadcast

  • Sun 7 Oct 2018 21:00