A bheil sinn fhathast ri glanadh an earraich?
Saoil a bheil glanadh an earraich anns an fhasan fhathast?
We explore whether or not spring cleaning is indeed in the modern-day household calendar?
Glanadh an earraich - a bheil e anns an fhasan fhathast no a bheil ar dòigh beatha air atharrachadh cho mòr thairis nam bliadhnaichean ‘s gu bheil sin ris a-nis fad na h-ùine? Sin a’ cheist air am bi Ceitidh Anna NicChoinnich a’ feuchainn ri freagairt faighinn thairis air an dà sheachdain tha romhainn. Bidh i a' coinneachadh ri daoine ga bheil glainnead cudromach dha-rìribh - cuid a tha dìreach deigheil air glanadh agus cuid a tha a’ ruith nan gnìomhachasan aca fhèin agus aig a bheil feumalachdan eadar-dhealaichte a thaobh obair glanaidh. Gheibh sinn beachdan a thaobh dè na stuthan glanaidh as fheà rr a tha ag obair do dhaoine ‘s mar a bhios iad gan cleachdadh, ‘s ro dheireadh cùis tha tha i an dòchas gun ionnsaich i fhèin dòigh air mar a gheibh i cuidhteas na bhios i a’ cà rnadh do stuth air nach eil feum sam bith aice, ach nach eil a chridhe aice a thilgeil. Abair dùbhlan!
Tha aon nì cinnteach, tha buaidh mhòr air a bhith aig na meadhanan sòisealta mar a tha sinn a’ glanadh. Tha leabhar ùr air glanadh le Sophie Hinchliffe à Essex air na mìltean mòra a reic, barrachd sa chiad seachdain na fiù ’s na leabhraichean aig Michelle Obama agus Alex Ferghasdan - agus còrr air dà mhìlean duine ga leantainn. Gu bho chionn glè ghoirid cha robh Ceitidh Anna i fhèin air guth no iomradh a chluinntinn mu deidhinn!
Last on
Broadcasts
- Tue 23 Apr 2019 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 23 Apr 2019 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Apr 2019 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal