Main content
Sorry, this episode is not currently available

A bheil sinn fhathast ri glanadh an earraich?

Saoil a bheil glanadh an earraich anns an fhasan fhathast?
We explore whether or not spring cleaning is indeed in the modern-day household calendar?

Glanadh an earraich - a bheil e anns an fhasan fhathast no a bheil ar dòigh beatha air atharrachadh cho mòr thairis nam bliadhnaichean ‘s gu bheil sin ris a-nis fad na h-ùine? Sin a’ cheist tha Ceitidh Anna NicChoinnich air a bhith a’ feuchainn ri freagairt fhaighinn anns an t-sreath ghoirid Sguab an Earraich. Tha i a' coinneachadh ri daoine ga bheil glainnead cudromach dha-rìribh - cuid a tha dìreach dèidheil air glanadh agus cuid a tha a’ ruith nan gnìomhachasan aca fhèin agus aig a bheil feumalachdan eadar-dhealaichte a thaobh obair glanaidh. Tha i a’ faighinn beachdan a thaobh dè na stuthan glanaidh as fheàrr a tha ag obair do dhaoine ‘s mar a bhios iad gan cleachdadh, ‘s ro dheireadh cùis tha tha i an dòchas gun ionnsaich i fhèin dòigh air mar a gheibh i cuidhteas na bhios i a’ càrnadh de stuth air nach eil feum sam bith aice, ach nach eil a chridhe aice a thilgeil. Abair dùbhlan!

30 minutes

Last on

Sun 5 May 2019 10:00

Clip

Broadcasts

  • Tue 30 Apr 2019 12:00
  • Tue 30 Apr 2019 22:00
  • Sun 5 May 2019 10:00