Rodney – a chuir sgìr’ a’ Bhac air ghleus
Rodney MacCoinnich nach maireann, tidsear na obair latha agus stiùiriche chòisirean air an fhionnairidh. The late Rodney MacKenzie, daytime teacher and evening choirmaster.
Rugadh Rodney neo Rod (mar a b’ fheà rr leis fhèin a ghabhadh daoine air ) ann an Asainte ann an 1941 – b’ e an neach a b’ òige de theaghlach de chòignear. Bhà saich a mhà thair ‘s gun e ach deich mìosan a dh’aois agus chaidh e fhèin agus dithis dha bhrà ithrean a chur ann an taigh dhìleachdain ann an Inbhir Nis oir bha an athair ag obair ann an Arcaibh ri linn a' chogaidh. Phòs athair a-rithist às dèidh a' chogaidh agus chaidh Rodney agus a bhrà ithrean air ais còmhla ris an teaghlach far an deach an togail an toiseach anns a’ Luirg agus an Loch an Inbhir. Anns an sgoil an sin sheall e ùidh mhòr ann an òrain Ghà idhlig agus seinn còisir agus bha e tric ri chluinntinn a’ gabhail pà irt aig Mòdan.
Nuair a dh’fhàs e na bu shine chùm e a’ dol le ùidh ann an òrain Ghà idhlig agus a’ seinn, agus bha e tric ri chluinntinn air an à rd-ùrlar a’ seinn mar phà irt de bhuidheann de cheathrar neo ann an còisir aig Mòdan agus cuirmean. Nuair a ghluais e a Leòdhas le obair mar neach-teagaisg anns na seachdadan thug e cothrom air leth do dh’ òigridh agus do dh’inbhich ann an sgìre a’ Bhac le bhith gam brosnachadh gu bhith gabhail pà irt ann an còisirean. Bha e fhèin aig aon à m na stiùiriche air trì còisirean anns an sgìre sin, Còisir Òg a’ Bhac, Còisir Loch a’ Tuath agus Còisir Sgìre a’ Bhac. Tha luchd–eòlais is buill bho na còisirean sin a’ cuimhneachadh air Rodney – am fear a chuir sgìr’ a’ Bhac air ghleus.
Last on
Broadcasts
- Tue 16 Jul 2019 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 16 Jul 2019 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Jul 2019 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- New Year's Day 2020 20:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jan 2020 10:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal