Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Easbaig Cailean Mac a' Phearsain

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain nach maireann. Gaelic religious archive service conducted by the late Bishop Colin MacPherson in 1985.

Air an t-seachdain seo ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC cluinnidh sinn seirbheis a chaidh a chraoladh an toiseach san t-Sultain 1985 còmhla ris an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain, nach maireann.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:

Laoidhean: Còisir Eaglais Naomh Bàrr sa Bhàgh a Tuath ann am Barraigh a' seinn 'A Thighearna Dhia' agus 'O Shàcramaid Mhic Dhè'.

Leughaidhean:
Ròmanaich 1: 16-25
Ephesianaich 1: 3-17
Eòin 1: 1-14

Rugadh Mgr Cailean Mac a' Phearsain ann an Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas anns an Lùnastal 1917. Chaidh Mgr Cailean a thogail aig àm a' chogaidh, àm a bha air leth duilich do mhuinntir na sgìrean beò-shlaint a dhèanamh dhaibh fhèin. A dh'aindeoin 's gur e maighstir-sgoile a bha na athair, bha e fhathast mothachail air na duilgheadasan agus an cruadal a bha na sgìrean croitearachd a' fulang – duilgheadasan a dh'adhbhraich gun do rinn na h-uidhir aca imrich a-null gu Ameireaga ann an 1923 airson beatha ùr a dhèanamh dhaibh fhèin. Bha co-fhaireachdainn aig Mgr Cailean dhan dòigh beatha seo agus bha e gu math follaiseach tro bheatha fhèin air sgàth 's an taic 's an cuideachadh a bha e a' toirt do chroitearan.

Às dèidh a bhith deiseil ann an Sgoil Dhalabroig chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obair Dheathain agus as an sin gu ruige Colaiste Propaganda anns an Ròimh. Chaidh a phòsadh ris an eaglais ann an 1940. Nuair a bha e anns an Eadailt bha e follaiseach gur e oileanach air leth sgoinneil agus comasach a bh' ann agus bhiodh e air tòrr a bharrachd adhartas a dhèanamh na chuid sgoilearachd ach b'fheudar dha tilleadh dhachaigh mus do dh'fhàs cùisean nas miosa anns an Eadailt aig àm a' chogaidh.

'S e Cnòideart a' chiad pharaist a bh' aige agus chaidh e sin ann an 1943 far an do dh'fhuirich e airson ochd bliadhna. 'S ann aig an àm sin a bha a' chùis ainmeil na Seven Men of Knoydart a' dol air adhart agus bha Mgr Cailean na thaic mhòr dha na daoine ann a bhith a' sabaid an cuid chòirichean. Chaidh Mgr Cailean à Cnòideart gu Eaglais Naomh Mìcheal ann an Eirisgeidh agus às an sin gu Eaglais Naomh Moire ann am Beinn na Fadhla. Fhads a bha e ann am Beinn na Fadhla bha e na thaic mhòr do mhuinntir na sgìre sin cuideachd ann a bhith a' leasachadh agus a' cur air chois dòighean ùra airson airgead a thoirt a-steach dhan choimhearsnachd - mar eisimpleir gam brosnachadh gus tuilleadh chearcan a cheannach a bheireadh adhartas air eaconamaidh an eilein. Mar sin chaidh stèisean a thogail ann an Loch Baghasdail far an rachadh aca air ìre nan uighean a thomhas. Bha e cuideachd aig an àm seo na chomhairliche sgìreil – daonnan a' sabaid airson còirichean mhuinntir nam paraistean sa robh e stèidhichte.

'S ann nuair a bha e na shagart ann an Eaglais Naomh Moire anns a' Ghearasdan a chaidh a thaghadh airson a bhith na easbaig air Sgìr-Easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean – a' chiad easbaig le Gàidhlig bho àm an ath-leasachaidh. Chum e a' dol leis an obair a bha an t-easbaig a bh' ann roimhe a' dèanamh – a' leasachadh agus a' cur air dòigh eaglaisean anns na sgìrean easbaigeach a bha a' crìonadh agus a' fulang air sgàth 's droch shìde. Gu mì-fhortanach b'fhèudar dha co-dhùnadh Eaglais Chnòideart a dhùnadh ach cuideachd chunnaic e eaglaisean beaga ùr a' fosgladh - leithid Eaglais Mhuile agus Arainn agus obair tòiseachaidh air planaichean gus eaglais ùr a thogail ann an Steòrnabhagh.
Bhàsaich Mgr Cailean air 24mh den Mhàrt 1990.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 11 Aug 2019 21:00
  • Sun 21 Jul 2024 21:00