Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Dr Seonaidh MacAsgaill à Beàrnaraigh

Sgeulachd a' phìobaire an Dr Seonaidh MacAsgaill à Beàrnaraigh le Jo NicDhòmhnaill. Jo MacDonald profiles the piper Dr John Napier MacAskill of Berneray.

Bha Seonaidh Napier MacAsgaill am measg nam pìobairean a b' fhèarr de a ghinealach. Choisinn e aon de phrìomh dhuaisean na pìobaireachd, am bonn òr, aig Cruinneachadh a’ Chinn a Tuath an Inbhir Nis ach, gu h-annasach, gu ìre mhòr leig e seachad farpaisean pìobaireachd às dèidh sin.

B’ e duine sònraichte a bh’ ann an Seonaidh. A bharrachd air a bhith na dhotair teaghlaich anns a’ Ghearasdan, bha e cuideachd na dhotair aig Cluba Ball-coise Inverness Caledonian Thistle agus aig sgioba nàiseanta na h-Alba - dreuchdan a thug gu iomadh dùthaich e.

Ach thug a phìobaireachd e gu iomadh diofar cheàrnaidh cuideachd. Bha fèill air Seonaidh mar neach-teagaisg ann an Ameireaga a Tuath agus tha pìobairean leithid John Don MacCoinnich às an Dòrnaidh agus Lesley Hutt à Inbhir Nis am measg nam pìobairean Albannach dhan tug e oideachadh.

A bharrachd air an teagasg a rinn e agus cho fìor mhath sa bha e air cluich, bha Seonaidh aithnichte airson na puirt ainmeil a chruthaich e mar Alena MacAskill, The Sands of Berneray, Twelve Torlum, Twisted Fingers agus Miss Christine MacQueen of Glenelg.

Anns a' phrògram seo tha Jo NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri luchd-eòlais Sheonaidh agus a' toirt thugainn clàraidhean dheth a' seinn na pìoba nach cuala duine taobh a-muigh a theaghlaich fhèin gu ruige seo.

30 minutes

Last on

Sun 30 Jan 2022 09:30

Broadcasts

  • Tue 17 Sep 2019 12:00
  • Tue 17 Sep 2019 22:00
  • Sun 22 Sep 2019 10:00
  • Thu 27 Jan 2022 12:00
  • Thu 27 Jan 2022 22:00
  • Sun 30 Jan 2022 09:30