Main content
Sorry, this episode is not currently available

Calum Caimbeul à Beinn na Fadhla

Sgeulachd a’ phìobaire Calum Caimbeul à Beinn na Fadhla. Jo MacDonald profiles the piper Calum Campbell from Benbecula.

B’ ann à Beinn na Fadhla a bha Calum Caimbeul, Calum Chaluim Iain, mar a dh’ aithnichear e.
Fhuair e teagasg bho athair, Calum Iain agus bhon phìobaire ainmeil Bob Nicol a bhiodh a’ dol a dh’ Uibhist ‘s a’ cumail chlasaichean do phìobairean òga. Thòisich Calum Chaluim Iain air ainm a dhèanamh dha fhèin bho aois òg mar aon de na pìobairean a b' fhèarr ann an Uibhist.
Choisinn e iomadh duais pìobaireachd aig geamaichean Uibhist agus aig Farpais Flòraidh Dhòmhnallach ; ann an 1982 thog e na prìomh dhuaisean airson ceòl mòr, caismeachd agus jigs.
B’ e saor a bh’ ann an Calum ach nuair a chaidh dà obair ùr a chruthachadh airson pìobaireachd a theagasg do chlann-sgoile an Uibhist, chaidh Calum fhastadh mar neach-teagaisg na pìoba, a' toirt cothrom do ghinealach òg Uibhisteach air cuid de eòlas Chaluim.
A bharrachd air a bhith a’ cluich, chruthaich Calum Chalum Iain iomadh port snasail agus tha faisg air leth-cheud dhiubh an-diugh rim faotainn anns an leabhar, Ceòl Chaluim a chaidh fhoillseachadh às dèidh a bhàs.
A seo tha Jo NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri piuthar agus mac Chaluim agus ri feadhainn a bha eòlach air. Cluinnidh sinn cuideachd clàraidhean de Chalum a' seinn na pìoba aig farpaisean agus clàradh prìseil dheth a’ cluich na dhachaigh fhèin.

30 minutes

Broadcasts

  • Tue 24 Sep 2019 12:00
  • Tue 24 Sep 2019 22:00
  • Sun 29 Sep 2019 10:00
  • Thu 3 Feb 2022 12:00
  • Thu 3 Feb 2022 22:00
  • Sun 6 Feb 2022 09:30