Mà idsear na Pìoba Dòmhnall MacIllEathain à Leòdhas
Sgeulachd Mà idsear na Pìoba Dòmhnall MacIllEathain à Leòdhas. Jo MacDonald profiles Pipe Major Donald MacLean from Lewis.
B’ ann à Bail’ an Truiseil ann an Leòdhas a bha Dòmhnall Aonghais Dhòmhnaill Mhòir, no Mà idsear na Pìoba Dòmhnall MacIllEathain.
Às dèidh dha an sgoil fhà gail chaidh e dhan arm agus cha robh e ach dhà air fhichead nuair a fhuair e a theisteanas mar Mhà idsear Pìoba anns na Sìophortaich, am Mà idsear Pìoba a b’ òige a bh’ ann an arm Bhreatainn aig an à m. Mus do thòisich an Dà rna Cogadh bha Dòmhnall anns An Èipheit agus ann am Palastain ach ann an 1940, bha e am measg nan saighdearan Breatannach a chaidh a ghlacadh aig St Valery air cost' a tuath na Frainge. Chuir Dòmhnall seachad bliadhnaichean a’ chogaidh na phrìosanach anns a’ Phòlainn agus anns a’ Ghearmailt. Am measg nam port as ainmeil a rinn e tha The Heroes of St Valery agus Major Manson at Clach an Truiseil.
Às dèidh dha an arm fhà gail bha Dòmhnall fad aon bhliadhna deug na mhanaidsear air roinn nam pìob sa bhùth ainmeil aig R. G. Lawrie ann an Glaschu agus bhiodh a dhealbh tric air a chleachdadh sna sanasan aca.
Bha e aithnichte mar shà r phìobaire agus mar dhannsair aig na Geamaichean Gà idhealach air feadh na dùthcha. Choisinn e cuideachd duaisean airson cho spaideil ’s a bha e air èideadh.
Chaochail Dòmhnall ann an 1964 ach tha na puirt aige fhathast air an cluich an-diugh. Anns a' phrògram seo tha Jo NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri fear aig a bheil dlùth chà irdeas ri Dòmhnall agus ri feadhainn aig a bheil ùidh anns an duine agus anns a' cheòl a chruthaich e.
Last on
Clip
Broadcasts
- Tue 15 Oct 2019 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 15 Oct 2019 23:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Oct 2019 10:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 24 Feb 2022 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 24 Feb 2022 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Feb 2022 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal