Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dè nise dhan a’ Stàit Ioslamach?

Gu dè a-nis a tha air fàire dhan a' bhuidheann a' Stàit Ioslamach agus al-Baghdadi marbh? What now for the so-called Islamic State with al-Baghdadi dead?

Tha Maureen NicLeòid a’ cluinntinn bhon eòlaiche an Ear Mheadhanaich, Iain Mac a’ Phearsain, mar a tha a’ bhuidheann ceannairc ISIS a’ dèiligeadh ri bàs a cheannard aca, Abu Bakr al-Baghdadi. Mharbh Baghdadi e fhèin nuair a bha saighdearan Ameireaganach an ìmpis grèim fhaighinn air ann an Siria. Dè a-nise dha ISIS agus an Ear Mheadhanach?

Cuideachd sa phrògram an-diugh, tha an t-eòlaiche IT Dòmhnaill Iain Dòmhnallach a’ mìneachadh mar a dh’fhaodadh trioblaid mhòr a bhith ro dhaoine le iPhone 5 mura dèan iad ùrachadh air a bhathar-bog aca.

Cluinnidh Maureen bho Mhànas Greumach ann a Vietnam, agus an dùthaich a’ caoidh na daoine a chaidh a chall ann an cùl làraidh a’ feuchainn ri faighinn a Bhreatainn.

Tha na eòlaichean saidheans Iain MacAonghais agus Murchadh Peutan a’ beachdachadh air dè dìreach a th’ ann an crith-thalmhainn, agus mar a tha iad a’ tachairt air a’ stairsnich againn fhìn a cheart cho math ri dùthchannan eile – ged a tha iad gu math nas lugha agus nas sàmhaich.

Agus beachd air a’ haka – an dannsa cogaidh Maori – agus mar a tha e air àite a ghlèidheadh dha fhèin ann an rugbaidh aig farpaisean eadar-nàiseanta. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Tue 29 Oct 2019 21:00

Broadcasts

  • Tue 29 Oct 2019 09:00
  • Tue 29 Oct 2019 21:00