Dè cho modhail is a tha sinn air trèanaichean?
Dè cho modhail is a tha sinn nuair a bhios sinn a' siubhal air trèana? Just how well-mannered are we when travelling by train?
Tha prìomhaire boireann aig a’ Bheilg son a’ chiad uair riamh. Ach cò i? Air a’ phrògram an-diugh tha Anna NicLeòid ag innse do Mhaureen NicLeòid cò i Sophie Wilmès, prìomhaire eadar-amail na Beilge.
Cha bheag an cron a tha gairtean a’ dèanamh air peataichean, beathaichean, agus mac an duine air ar monaidhean. Ach tha tinneas ùr a-nise nan cois an ceann a deas Shasainn – tinneas Encephalitis nan gairtean. Tha Iseabail NicAonghais a’ mìneachadh dè na cunnartan a tha na chois.
Le geallaidhean is bhòtaichean mu thaghadh san Dùbhlachd am-bliadhna, tha Pà draig MacAmhlaigh gar toirt air ais ann an eachdraidh chun taghadh mu dheireadh a chaidh a chumail sa mhìos sin. Taghadh Coitcheann 1923 – cò bhuannaich an uairsin?
Agus le deasbad air trèana mu ghlèidheadh shuidheachain a’ leum dha na meadhanan, dè dìreach cho modhail neo cho mi-mhodhail is a tha sinn air trèanaichean? Tha Maureen a’ cluinntinn bho Mhuireann Kelly, Patsi NicChoinnich, Daibhidh Byrne agus Alasdair MacCaluim.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 30 Oct 2019 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Oct 2019 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal