Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cuin a tha film eagalach?

Le Oidhche Shamhna romhainn, cuin a chuireas no nach cuir film an t-eagal oirnn? With Halloween approaching, when are we scared or not by a horror film?

Tha Maureen NicLeòid ann an cathair Choinnich an-diugh. Am measg nan cuspairean air a bheil i a’ togail tha gluasad gus dà chompanaidh chàraichean gu math mòr, Fiat Chrysler agus Peugeot, a thoirt còmhla. Mar a tha Coinneach MacMhathain a’ mìneachadh, tha aimsir cugallach a’ ghnìomhachais a’ toirt buaidh air na companaidhean uile.

A bheil filmichean eagalach a’ còrdadh rib’ fhèin? Dha na milleanan, tha iad math ga-rìreabh. Ach dha cuid eile, ’s ann a tha iad fada ro eagalach, no fèir rudeigin sàraichte a bhith gan coimhead. Tha John Neil Dòmhnallach, Carina NicLeòid agus Bekah NicLeòid ag innse dha Maureen mu na filmichean eagalach a tha a’ còrdadh riuthasan.

Tha Seonag NicFhionghain ag aithris mu aithisg ùr mu teine Grenfell a thachair bho chionn trì bliadhna.

Agus ceud bliadhna bho chaidh GCHQ a stèidheachadh, cò iad agus cò gheibh a-steach? Tha Tommy MacAsgaill agus Dòmhnall MacLeòid iad fhèin a’ cagnadh air na ceistean sin.

57 minutes

Last on

Thu 31 Oct 2019 21:00

Broadcasts

  • Thu 31 Oct 2019 09:00
  • Thu 31 Oct 2019 21:00