Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1062
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1062. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 27 Nov 2019
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 758
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1062
Duration: 05:00
Litir 1062: An GÃ idheal - BÃ rdachd
Mus fhà g mi duilleagan a’ phà ipeir-naidheachd An Gà idheal, tha mi airson beagan bà rdachd às a’ phà ipear a thoirt dhuibh. Tha an dà n seo uabhasach fada. Mar sin, cha toir mi ach beagan dheth dhuibh. Tha e mu dheidhinn an easa as motha, agus as drùidhtiche, ann an Ameireagaidh a Tuath – Eas Niagara. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:
A Thì mhòir a chruthaich na Dùilean,
ʼS a shocraich an Cruinne,
Led ghà irdean cumhachdach, neartmhor,
Air a’ bhunait;
ʼS glòrmhor an obair a rinn thu,
Niagara ainmeil,
An t-Eas mòr a rinn thu chumadh,
Anns an t-seann aimsir
Chan eil fhios a’m am faca sibh fhèin eas mòr mòr mar Niagara, no Eas Bhictoria ann an Afraga, ach tha dà rud gu sònraichte iongantach mun deidhinn. ʼS e a’ chiad rud an ceò a bhios ag èirigh asta, a tha coltach ri toit, agus cuideachd mar a thig braon ort nuair a tha thu ro fhaisg. Braon? Drizzle. Facal feumail dha-rìribh ann an Alba!
Nuair a shealladh tu fad air astar,
Air an iongnadh,
ʼS e theireadh tu gur bà ta-toite
A bh’ ann le smùidrich;
Ach, nuair thigeadh tu am fagas dha
Ghabhail do bheachd air,
Trom-fhliuchadh an cathadh caoir-gheal
Le braonaibh dealt thu.
Agus tha rud sònraichte eile mu easan mòra – ʼs e sin am fuaim a tha iad a’ dèanamh. Cluinnidh sibh am fuaim – beucaich an easa – air astar mòr bho na h-uisgeachan fhèin. Tha am bà rd, nach eil ainmichte, a’ sgrìobhadh seo:Â
Cluinnidh tu thorman seachd mìle
Uaith air astar;
Mar thà irn’each anns na speuraibh
Ri beucaich neartmhor.
ʼS nuair bhiodh tu nad sheasamh là imh ris,
B’ amhlaidh thartar,
ʼS mìle carbad air cabhsair,
Nan deann a’ dol seachad.
Chan ann a-mhà in à s Aimeireagaidh a Tuath no Alba a bha na naidheachdan is sgrìobhaidhean air duilleagan a’ Ghà idheil. Bha sgrìobhadairean is leughadairean aca ann an Astrà ilia cuideachd. Ann an aon iris, tha litir bho chuideigin air a bheil ‘D.B.’ ann am MacArtair, sgìre a tha faisg air na Beanntan Gorma, siar air Sydney. Chaidh a sgrìobhadh air a’ cheathramh latha deug de Chiad Mhìos an Fhoghair, ochd ceud deug, seachdad ʼs a h-aon (1871).Â
A bheil sibh a’ tuigsinn ‘Ciad Mhìos an Fhoghair’ – the first month of autumn. An-diugh, canaidh sinn ‘An Lùnastal’ ris, ach b’ e Ciad Mhìos an Fhoghair an seann riochd Gà idhlig air August.
Tha sgrìobhadair na litreach ag innse don luchd-leughaidh gun robh tòrr Ghà idheal ann an Astrà ilia. ‘Chan eil baile as fhiach ainmeachadh nach eil comunn Gà idhealach stèidhichte ann,’ tha e a’ sgrìobhadh. Tha e cuideachd ag aithris gun robh ‘connsachadh’ ann eadar Gà idheil is Goill ann an Hamalton, ann am Bhictoria. Bha ministear dà -chà nanach aca, a bhiodh a’ searmonachadh ann an Gà idhlig agus Beurla. Chaochail e, agus thà inig ministear gun Ghà idhlig na à ite.
Cha robh na Gà idheil toilichte mu dheidhinn sin, agus dh’fhà g iad an eaglais, airson tè aca fhèin a chur air dòigh anns am faodadh iad ministear ùr le Gà idhlig à Alba a bhith aca.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: cumhachdach, neartmhor: powerful and mighty; am fagas dha: close to it; beucaich an easa: the roaring of the waterfall; na Beanntan Gorma: the Blue Mountains.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Mus fhà g mi duilleagan a’ phà ipeir-naidheachd: before I leave the pages of the newspaper; mu dheidhinn an easa as motha, agus as drùidhtiche, ann an Ameireagaidh a Tuath: about the biggest, and most impressive, waterfall in North America; a Thì mhòir a chruthaich na Dùilean: Great Being [God] that created the elements; ʼs glòrmhor an obair a rinn thu: glorious is the work you did; an t-Eas mòr a rinn thu chumadh: the great waterfall you shaped; anns an t-seann aimsir: in ancient times; an ceò a bhios ag èirigh asta, a tha coltach ri toit: the mist that rises from them, which is like smoke; trom-fhliuchadh an cathadh caoir-gheal le braonaibh dealt thu: the sparkling white spray would soak you with its fine drizzling rain; cluinnidh tu thorman seachd mìle uaith air astar: you can hear its rumble seven miles away; b’ amhlaidh thartar, ʼs mìle carbad air cabhsair, nan deann a’ dol seachad: its clatter is like that of a thousand vehicles rushing past [heard] on a pavement; chan eil baile as fhiach ainmeachadh nach eil comunn Gà idhealach stèidhichte ann: there’s not a town worth naming where there’s not a Gaelic society established; na sheirbheiseach dìleas ann an adhbhar an Tighearna: a faithful servant in the service of the Lord.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Mar thà irn’each anns na speuraibh: like thunder in the heavens. The inflection of speuran to speuraibh is a feature of the old dative plural in nouns (here following the preposition ann). By the 1870s it was already going out of fashion but would still be used in poetry, particularly as it was the form used in the Bible.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ʼs e theireadh tu gur bà ta-toite a bh’ ann le smùidrich: you’d say that it was a steam ship with its smoke rising.
Broadcasts
- Sun 24 Nov 2019 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 27 Nov 2019 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.