Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1063
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1063. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 4 Dec 2019
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 759
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1063
Duration: 05:00
Litir 1063: Eilean Mhà rtainn
O chionn ghoirid, chaidh mi a-null a dh’Eilean Mhà rtainn airson a’ chiad turais riamh. A bheil sibh eòlach air Eilean Mhà rtainn? No Isle Martin, mar a chanar ris ann am Beurla. Tha e aig beul Loch a’ Bhraoin ann an taobh siar Rois, beagan mhìltean gu tuath air Ullapul. Bidh cuid ga ghabhail a-steach anns a’ chròileagan eileanan ris an canar ‘Na h-Eileanan Samhraidh’. Ach, leis an fhìrinn innse, tha Eilean Mhà rtainn pìos beag air falbh bho na h-Eileanan Samhraidh mar a tha cuid gan aithneachadh.
ʼS e eilean beag a th’ ann, timcheall air mìle ann am fad agus leud. Tha an ceann a tuath creagach agus garbh. ʼS ann sa cheann a deas, far a bheil beagan talamh torrach, a bha an sluagh a’ fuireach – aig aon à m. Chan eil duine a’ fuireach anns an eilean an-diugh.
Chaidh mise a-null ann am bà ta, a th’ air a ruith le Urras Eilein Mhà rtainn. ʼS ann ann an là mhan an urrais – urras coimhearsnachd – a tha an t-eilean an-diugh.Â
Mu choinneimh an eilein, air tìr-mòr, tha baile beag ris an canar Àird Mhèara. ʼS ann à s a sin a bhios am bà ta a’ falbh. Aig à m an là in, tha an caolas a’ coimhead car mòr, ach tha saothair a’ stobadh a-mach gu muir a dh’ionnsaigh Eilein Mhà rtainn. Aig ìsle-mhara, chan eil an caolas ach beag. ʼS e Àird na h-Èighe a chanas daoine ris a’ ghob-rubha, oir bhiodh daoine ag èigheachd a-null don eilean airson bà t’-aiseig anns an t-seann aimsir.Â
Bhiodh corra duine, ge-tà , a’ snà mh a-null don eilean. A rèir aithris, bha aon duine, a bha ag obair anns a’ mhuileann san eilean anns na ceathradan, ach a bha a’ fuireach air tìr-mòr, a’ snà mh a-null ʼs a-nall gach latha.
Chan eil fios le cinnt cò am Mà rtainn anns an ainm. ʼS dòcha Naomh Mà rtainn à Tours. Tha fìor sheann chrois ann an cladh an eilein – seòrsa a bha ʼs dòcha ceangailte ris an Eaglais Cheiltich uaireigin, ach tha cumadh na croise car annasach.Â
Anns an ochdamh linn deug, bha iasgach an sgadain mòr anns an sgìre. Chaidh taigh-giollachd a leasachadh ann an Eilean Mhà rtainn. Bhathar a’ dèanamh dà sheòrsa sgadain ann – sgadain bhà na a bh’ air an cur amh ann an salann, agus sgadain dearga a bh’ air an smocadh anns an eilean.Â
Tro bhliadhnaichean an Dà rna Cogaidh, bha muileann stèidhichte ann, far an robhar a’ dèanamh min-fhlùr. Bha a’ chuid a bu mhotha dhen luchd-obrach a’ fuireach air tìr-mòr. Chaidh am muileann a dhùnadh ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a h-ochd (1948).
Bho na seasgadan dhen fhicheadamh linn (1960s) a-mach, tha Eilean Mhà rtainn air a bhith ann an là mhan uachdaran prìobhaideach agus – cuideachd – Comann Rìoghail Dìon nan Eun, an RSPB. Thug an RSPB seachad e don urras – an-asgaidh – o chionn fichead bliadhna.
Ach chan eil muinntir an eilein uile gu lèir air an dìochuimhneachadh ann. Faodar ionnsachadh ann an taigh-tasgaidh beag mu na teaghlaichean a bha a’ fuireach ann.
Mus fhalbh mi, tha mi airson ceist a chur oirbh. Dè an dà thogalach ainmeil ann an Steòrnabhagh anns a bheil clachan à cuaraidh ann an Eilean Mhà rtainn a’ còmhdachadh nam ballachan? Bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Urras Eilein Mhà rtainn: The Isle Martin Trust; Àird Mhèara: Ardmair; à m an là in: high tide; tìr-mòr: the mainland; taigh-giollachd: processing facility; min-fhlùr: flour; an-asgaidh: free of charge.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a-null a dh’Eilean Mhà rtainn airson a’ chiad turais riamh: over to Isle Martin for the first time ever; beul Loch a’ Bhraoin ann an taobh siar Rois, beagan mhìltean gu tuath air Ullapul: the mouth of Loch Broom in Wester Ross, a few miles north of Ullapool; anns a’ chròileagan eileanan ris an canar ‘Na h-Eileanan Samhraidh’: in the group of islands called ‘The Summer Isles’; mar a tha cuid gan aithneachadh: as some recognise them; mìle ann am fad agus leud: a mile in length and width; tha saothair a’ stobadh a-mach gu muir: a shingle spit sticks out into the sea; ag èigheachd a-null don eilean airson bà t’-aiseig: shouting over to the island for a ferry; bhiodh corra duine a’ snà mh a-null: the odd person would swim over; tha seann riochdan air an ainm nach eil buileach co-ionann ri: there are old forms of the name that aren’t quite equivalent to; tha fìor sheann chrois ann an cladh an eilein: there is a really old cross in the island’s cemetery; sgadain bhà na a bh’ air an cur amh ann an salann: white herring that were put raw in salt; sgadain dearga a bh’ air an smocadh: red herring that were smoked; ann an là mhan uachdaran prìobhaideach: in the hands of private landlords; chan eil muinntir an eilein uile gu lèir air an dìochuimhneachadh: the islanders are not entirely forgotten; faodar ionnsachadh ann an taigh-tasgaidh beag mu na teaghlaichean a bha a’ fuireach ann: one can learn in a small museum about the families who were living there; dà thogalach ann an Steòrnabhagh anns a bheil clachan à cuaraidh ann an Eilean Mhà rtainn a’ còmhdachadh nam ballachan: two buildings in Stornoway in which stones from a quarry on Isle Martin are covering the walls.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: far a bheil beagan talamh torrach: where there is a little fertile land. Beagan, as a noun of quantity, commands a further noun in the genitive, so we would say beagan talmhainn, using the gentive form of talamh. However, the presence of the adjective, certainly in modern Gaelic, tends to quash the genitivisation in such phrases (where there is no genitive article), so we get beagan talamh torrach, with talamh (and accompanying adjective) in its nominative form.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a’ snà mh a-null ʼs a-nall gach latha: swimming over and back every day.
Broadcasts
- Sun 1 Dec 2019 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 4 Dec 2019 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.