Main content
Sorry, this episode is not currently available

Am bu chòir film sam bith a bhith air a chasg?

A bheil e ceart film a chasg no a bheil saorsa ealain nas cudromaiche? Should cinema ever be censored or is artistic freedom more important? coinneach@bbc.co.uk

Às dèidh buaireadh ann an taighean deilbh Bhirmingham, tha cuid a thaighean-deilbh a-nise a’ toirt a’ film The Blue Story a-mach às na clàran-ama aca. Ach a bheil seo ceart – no soirbheachail – a’ leithid a dhèanamh? A’ coimhead ris a’ chuspair bho shealladh an latha an-diugh agus an-dè tha Carina NicLeòid, Dolina NicIlleFhinnein agus Dòmhnall Moireach ann an còmhradh le Coinneach.

Chuala sinn air a’ phrògram an dè mu cheann-suidhe ùr Sri Lanka. Tha ceistean mòra ro thurasachd is tèarainteachd san dùthaich, ach carson a tha e cho tarraingeach do luchd-turais? Tha dithis a th’ air a bhith thall ann an Sri Lanka sa stiùidio.

Cuideachd tha Murchadh Caimbeul a’ mìneachadh mar a tha deoch-làidir eadar-dhealaichte a’ fàs nas cumanta a-rithist – meadh no mead sa Bheurla.

Agus tobair ainmeil a bha còrr a bhith na thobair-slàinte dha Raibeart Burns, ach a tha a-nise fo chasaid mu bhith ag adhbharachadh droch shlàinte do bhàrd na Beurla Gallda. coinneach@bbc.co.uk

57 minutes

Last on

Wed 27 Nov 2019 21:00

Broadcasts

  • Wed 27 Nov 2019 09:00
  • Wed 27 Nov 2019 21:00