Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1064
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Lititr à ireamh 1064. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 11 Dec 2019
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 760
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1064
Duration: 05:00
Litir 1064: Sgadain Dearga
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Eilean Mhà rtainn, faisg air Ullapul ann an taobh siar Rois. Am measg nan gnìomhachasan anns an eilean, bha cuaraidh à s an robhar a’ faighinn clach-ghainmhich.Â
Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, chuir mi ceist oirbh. Dè an dà thogalach ainmeil ann an Steòrnabhagh anns a bheil clach à cuaraidh ann an Eilean Mhà rtainn a’ còmhdachadh nam ballachan? Uill, ʼs e am fuasgladh – Talla a’ Bhaile agus eaglais ann am meadhan a’ bhaile – Eaglais a’ Mhà rtainnich – Martin’s Memorial Church.
Tha mi a’ tuigsinn gur e as coireach gun do chleachd iad clach à Eilean Mhà rtainn gun robh e na b’ fhasa a h-obrachadh, seach a’ chlach ann an Leòdhas fhèin, a tha cianail cruaidh. An e sin as coireach gur e Martin’s Memorial Church a th’ air an eaglais mar ainm? Gun tà inig a’ chlach à ‘Isle Martin’? Uill, chan e. Chaidh an eaglais ainmeachadh airson a’ chiad mhinisteir aca, an t-Urramach Dòmhnall Iain Mà rtainn.
Bha mi cuideachd ag innse dhuibh gun robhar a’ giollachd sgadain ann an dà dhòigh air Eilean Mhà rtainn. Bha iad a’ cur feadhainn ann an salann no mear-shal. B’ iad sin na sgadain bhà na no white herring. Feadhainn eile, bha iad gan smocadh le toit à teine anns an robhar a’ cur shliseagan daraich. B’ iad sin na sgadain dearga no red herring. Bha iad na bu duirche na smokie à taobh an ear na h-Alba. Bidh smokies air an smocadh airson grunn uairean a thìde. Ach bidh sgadain dearga air an smocadh airson là ithean no seachdainean. Mu dheireadh, bidh iad a’ tionndadh dearg.
Thug sin orm a bhith a’ beachdachadh air an abairt ann am Beurla – ‘red herring’. Canaidh daoine ‘red herring’ nuair a tha iad a’ leantainn rathad smaoineachaidh a tha gan toirt gu ceann-uidhe ceà rr no fuadan. Cha robh mi cinnteach an robh ceangal sam bith ann eadar na sgadain smocte agus ‘red herring’.
A rèir choltais, tha. Tha fà ileadh là idir air sgadan dearg. Agus thathar a’ cumail a-mach gun do chleachd sgrìobhadair Sasannach ‘sgadan dearg’ ann an sgeulachd a sgrìobh e aig toiseach an naoidheamh linn deug. Bha cuideigin ag iarraidh nach biodh coin a’ leantainn le bhith an tòir air geà rr. Dhragh e sgadan dearg sìos rathad eile tron fheur, agus chaidh na coin an rathad sin. Nuair a rà inig iad an ceann-uidhe, cha robh sgeul air a’ gheà rr. Cha robh ann ach sgadan dearg. No red herring.
Tha grunn abairtean againn co-cheangailte ris an sgadan. Mar eisimpleir: beag air bheag, mar a dh’itheas an cat an sgadan. Little by little, as the cat eats the herring. Beag air bheag, mar a dh’itheas an cat an sgadan.Â
An cuala sibh riamh an abairt tà rr an sgadain ʼs earball a’ bhradain? ʼS iad sin na h-earrannan as blasta dhen dà iasg sin. The lower belly of the herring and the tail of the salmon. Tà rr an sgadain ʼs earball a’ bhradain.
Cha robh na Gà idheil riamh measail air ceann an sgadain mar bhiadh. Chanadh iad ceann cnòdain, ʼs ceann sgadain, ʼs ceann goibhr’ air dhroch fheannadh – tri cinn nach fhiach ithe. Tha mi là n chinnteach gun robh iad ceart!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Eilean Mhà rtainn: Isle Martin; an t-Urramach Dòmhnall Iain Mà rtainn: Rev. Donald John Martin; mear-shal: brine; iasg smocte: smoked fish; fà ileadh: smelling.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: am measg nan gnìomhachasan anns an eilean, bha cuaraidh às an robhar a’ faighinn clach-ghainmhich: among the businesses on the island, there was a quarry from which sandstone was obtained; dà thogalach ainmeil ann an Steòrnabhagh: two well-known buildings in Stornoway; gur e as coireach gun do chleachd iad X: that the reason they used X is; gun robhar a’ giollachd sgadain ann an dà dhòigh: that herring was being processed in two ways; bha iad gan smocadh le toit à teine anns an robhar a’ cur shliseagan daraich: they were smoking them with smoke from a fire in which oak chips were put; na bu duirche na X: darker than X; nuair a tha iad a’ leantainn rathad smaoineachaidh a tha gan toirt gu ceann-uidhe ceà rr no fuadan: when they follow a line of thinking that takes them to a wrong or false destination; thathar a’ cumail a-mach gun do chleachd sgrìobhadair Sasannach X: it is maintained that an English writer used X; nach biodh coin a’ leantainn le bhith an tòir air geà rr: that dogs wouldn’t continue to pursue a hare; dhragh e sgadan dearg sìos rathad eile tron fheur: he dragged a red herring down another track through the grass; ʼs iad sin na h-earrannan as blasta dhen dà iasg sin: they are the tastiest parts of those two fish; tha mi là n chinnteach gun robh iad ceart: I’m absolutely certain they were correct.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: sgadain dearga: red herring. You might expect sgadain dhearga, just like sgadain bhà na, because the general rule is to lenite the adjective when a noun pluralises in the nominative by slenderisation (sgadan > sgadain). However, traditionally, a terminal ‘n’ blocks the lenition of an initial ‘d’. We call this ‘bacadh air sèimheachadh’ or ‘lenition blocking’.
Seanfhacal na Litreach
Seanfhacal na Litreach: beag air bheag, mar a dh’itheas an cat an sgadan. Little by little, as the cat eats the herring.
Broadcasts
- Sun 8 Dec 2019 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 11 Dec 2019 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.