Criosaidh NicNèill, Criosaidh Denny à Barraigh - Prògram 1
Criosaidh NicNèill, NicDhòmhnaill, Denny neo Curlag – chan e h-ainm a bha cudromach ach a guth seinn. Chrissie MacNeil, MacDonald, Denny or Curlag from Barra tells her life story.
‘S e bliadhna shònraichte a tha air a bhith ann an 2019 do Chriosaidh NicNèill neo Criosaidh Denny à Barraigh. Bha an guth seinn aig Criosaidh NicNèill am measg nan guthan seinn bu chliùitich a thà inig a-mach à Barraigh; bhuannaich i farpaisean seinn san t-seann nòis, chan e a-mhà in aon turas ach dà thuras aig a’ Mhòd Nà iseanta, an Scotia Trophy agus Bonn Òir a’ Chomuinn Ghà idhealaich. Thairis air na bliadhnaichean tha i air òrain is dualchas an eilein a chumail beò tron t-seinn agus an tron eòlas aice fhèin.
Gu mì-fhortanach cha chluinn sinn an guth seinn aice an-diugh ach air clà raidhean a chaidh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean agus ‘s math gu bheil gu leòr dhiubh sin ann. Ged nach bi i fhèin a’ seinn tha i gu mòr a’ toirt taic do dh’ òigridh an eilein ann a bhith gam brosnachadh agus a’ toirt taic dhaibh nuair a thig e gu bhith seinn òrain Ghà idhlig.
Anns an t-sreath ghoirid seo fhuair Angela NicFhionghuin còmhradh ri Criosaidh na dachaigh ann an Eòlaigearraidh. Bha Criosaidh air leth fortanach na h-òige oir thogadh i ann am baile a bha dha-rìribh beartach a thaobh òrain is dualchas agus le guth seinn à lainn aice fhèin b' e buannachd air leth a bha seo dhith. Anns a' chiad phrògram tha Criosaidh a’ coimhead air ais air là ithean a h-òige, na seinneadairean a bh’ anns an sgìre, na cèilidhean agus na tidsearan ciùil a bh’ aice airson a brosnachadh chun à rd-ùrlar.
Last on
Clip
-
Sgeulachd Beatha: Prògram 1
Duration: 03:09
Broadcasts
- Tue 10 Dec 2019 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 10 Dec 2019 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Dec 2019 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal