Criosaidh NicDhòmhnaill, Criosaidh Denny à Barraigh - Prògram 2
Criosaidh Mary, Criosaidh Denny neo Curlag: chan e h-ainm a bha cudromach ach a guth. Chrissie Mary, Chrissie Denny or Curlag; her voice was more important than her name.
‘S e bliadhna shònraichte a tha air a bhith ann an 2019 do Chriosaidh NicNèill neo Criosaidh Denny à Barraigh. Bha an guth seinn aig Criosaidh NicNèill am measg nan guthan seinn bu chliùitiche a thà inig a-mach à Barraigh; bhuannaich i farpaisean seinn san t-seann nòs, chan e a-mhà in aon turas ach dà thuras aig a’ Mhòd Nà iseanta, an Scotia Trophy agus Bonn Òir a’ Chomuinn Ghà idhealaich. Thairis air na bliadhnaichean tha i air òrain is dualchas an eilein a chumail beò tron t-seinn agus tron eòlas aice fhèin.
Gu mì-fhortanach cha chluinn sinn an guth seinn aice an-diugh ach air clà raidhean a chaidh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean agus ‘s math gu bheil gu leòr dhiubh sin ann. Ged nach bi i fhèin a’ seinn tha i gu mòr a’ toirt taic do dh’ òigridh an eilein ann a bhith gam brosnachadh agus a’ toirt taic dhaibh nuair a thig e gu bhith seinn òrain Ghà idhlig.
Anns an t-sreath ghoirid seo fhuair Angela NicFhionghuin còmhradh ri Criosaidh na dachaigh ann an Eòlaigearraidh. Bha Criosaidh air leth fortanach na h-òige oir thogadh i ann am baile a bha dha-rìribh beartach a thaobh òrain is dualchas agus le guth seinn à lainn aice fhèin b' e buannachd air leth a bha seo dhi. Anns a' chiad phrògram bha Criosaidh a’ coimhead air ais air là ithean a h-òige, na seinneadairean a bh’ anns an sgìre, na cèilidhean agus na tidsearan ciùil a bh’ aice airson a brosnachadh chun à rd-ùrlar.
An dèidh do Chriosaidh bliadhna neo dhà a’ dhèanamh san à rd-sgoil ann an Inbhir Nis cho-dhùin i nach robh i dol a leantainn oirre, ‘s chaidh i air ais dhachaigh. Na beachd fhèin bha i dol a-staigh airson a bhith na banaltram, ach bha i ro òg aig an à m airson trèanadh agus, mar a chomhairlich a mà thair dhi aig an à m, chaidh i an ceann a cosnaidh.
Thòisich Criosaidh cuide ri nigheanan eile à Barraigh agus eileanaich eile air obair ann an sgoil airson clann-nighean ann an sgìre Shruighlea far an robh fealla-dhà is plòigh gu leòr. Às dèidh Sruighlea ghluais i a Ghlaschu agus i an dùil leantainn oirre a’ trèanadh airson a bhith na banaltram, ach cha do dh’obraich cuisean a-mach mar a bha i an dùil, ‘s chaidh an trèanadh fhà gail airson greis a-rithist.
Ach aon rud a bha soirbheachadh leatha b’ e sin a guth seinn agus bha Criosaidh bho à m gu à m ri cluinntinn a’ seinn ann an Talla Khingston, ann an Glaschu còmhla ri Iain Moireasdan à Uibhist a Deas. Abair guthan!
Last on
Sgeulachd Beatha: Criosaidh NicNèill neo Criosaidh Denny à Barraigh
Dealbhan co-cheangailte ris a' phrògram.
Clip
-
Sgeulachd Beatha: Prògram 2
Duration: 05:42
Broadcasts
- Tue 17 Dec 2019 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 17 Dec 2019 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Dec 2019 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal