Criosaidh NicNèill, Criosaidh Denny à Barraigh - Prògram 3
Criosaidh NicNèill, NicDhòmhnaill, Denny neo Curlag – chan e h-ainm a bha cudromach ach a guth seinn. Chrissie MacNeil, MacDonald, Denny or Curlag from Barra tells her life story.
Thuige seo tha Criosaidh air a bhith ag innse dhuinn mu là ithean a h-òige a’ fàs suas ann an Eòlaigearraidh, agus cha b’ urrainn dhut a bhith ann an coimhearsnachd na b’ fheà rr gu h-à raidh le comas seinn mar a bh’ aig Criosaidh agus am beairteas sheinneadairean is eile a bh’ anns a bhaile aig an à m.
Às dèidh Sgoil Eòlaigearraidh fhà gail chaidh Criosaidh a dh’ Inbhir Nis airson foghlam à rd-sgoile, ach an ceann ùine thill i dhachaigh. Aig aois gu math òg cho-dhùin i gun robh i gu bhith na banaltram 's rinn i an trèanadh gu ìre air tìr-mòr ach airson deifir adhbharan cha do chrìochnaich i e. Chuir i ùine seachad ann an Glaschu, Uibhist, Dùn Èideann agus sa Ghearastan ach mu dheireadh thill Criosaidh, an duine aice Dòmhnall san teaghlach air ais a Bharraigh far do rinn iad an dachaigh.
Anns a' phrògram mu dheireadh san t-sreath cluinnidh sinn mar a chaidh do Chriosaidh 's i air tilleadh air ais gu baile a h-à raich.
Last on
Broadcasts
- Christmas Eve 2019 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Christmas Eve 2019 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Dec 2019 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal