Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1075
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1075. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 26 Feb 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 771
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1075
Duration: 05:00
Litir 1075: Clach an Fhithich (3)
Bha mi ag aithris na sgeulachd Clach an Fhithich. Dh’inns athair Iain Bhà in dha mu dhraoidheachd na cloiche. Lorg iad nead fithich air creag. Ghoid iad na h-uighean bhon nead. Rinn iad teine le fraoch tioram, agus ghoil iad na h-uighean. Dh’fhuirich iad ann an sealladh an nid fad an t-siubhail. Thill na fithich. Bha fios aca gun robh na h-uighean millte, agus dh’fhalbh iad a-rithist.
An dèidh trì latha, thill na fithich. Bha clach bheag – èiteag – aig a’ choileach. Shuath e na h-uighean leis a’ chloich. Nuair a bha iad a-mach às an nead a-rithist, chaidh Iain ann. Thog e a’ chlach agus thug e leis i. Nuair a bha e air ais air talamh rèidh, dh’fheuch e draoidheachd na cloiche. Chuir e na bheul i, agus chaidh e à fianais. Bha e do-fhaicsinneach. Nuair a chuir e a’ chlach na phòcaid bha e faicsinneach a-rithist.
Bha fios aig dìreach ceathrar gun robh Clach an Fhithich aig Iain. B’ iad sin Iain, athair, a phiuthar, Mà iri, agus a bhrà thair-chèile, Calum. Dh’aontaich iad an gnothach a chumail dìomhair oir bha a’ chlach cho cumhachdach. ‘Bhiodh e math a’ chlach a bhith aig duine air blà r-catha,’ thuirt Iain. ‘Dh’fhaodadh e sgrios a dhèanamh air a nà imhdean, agus cha bhiodh fios aca gun robh e ann.’
‘Ist,’ thuirt athair. ‘Chan fhaodar a’ chlach a chur gu feum le droch rùn. ʼS ann airson deagh rudan a-mhà in a dh’fheumas tu a cur gu feum. Am fear a chleachdas i airson droch-dhìol no ainneart, bidh e a’ fulang gu dubh.’
Dh’fhalbh Iain a-null a Dhùn Neachdain agus chuir e Clach an Fhithich na bheul. Chan fhaca duine e nuair a chaidh e a-steach a dh’ubhal-ghort ri taobh a’ chaisteil. Chunnaic Iain Eilidh agus a h-antaidh, a’ Bhean-uasal Nic an Tòisich. Bha dà chù mhòr aca. Bha na coin a’ gabhail dragh oir bha iad a’ faighinn fà ileadh de shrainnsear. Ach bha Iain do-fhaicsinneach.Â
Mu dheireadh, dh’fhalbh a’ Bhean-uasal a-steach leis na coin. Bha Eilidh leatha fhèin. Chaidh Iain air cùl craoibhe, agus chuir e a’ chlach air ais na phòcaid. Sheas e a-mach bhon chraoibh agus ghabh Eilidh iongnadh. Cha robh fios aice gun robh e air a bhith do-fhaicsinneach mionaid roimhe. ‘Iain, a ghrà idh!’ thuirt i. ‘Dè fon ghrèin?!’ Bha i cho sona ris an rìgh a leannan fhaicinn.
‘Tha m’ athair air dearbhadh gun dìon e thu ma thig thu a dh’fhuireach againn,’ thuirt Iain. Bha Eilidh gu math mì-thoilichte ann an Dùn Neachdain, agus dh’aontaich i teicheadh còmhla ri Iain. Chaidh iad tarsainn na h-aibhne aig an à th, agus rà inig iad Baile na Creige aig à m dol-fodha na grèine.
Bha dragh air a h-uile duine an sin nach robh an gobha, Donnchadh na Dà Òrdaig, air tilleadh dhachaigh an dèidh dha a bhith ann an Dùn Neachdain. ‘Dè thachair dha?’ dh’fhaighnich iad.
‘Chaidh a mhurt,’ thuirt Eilidh.
‘Carson?’ dh’fhaighnich athair Iain.
‘Chaidh a lorg, agus e a’ lìbhrigeadh litir dhomh bho Iain,’ thuirt Eilidh.
‘Tha sin uabhasach,’ ars am bodach. ‘Pà ighidh a’ Bhean-uasal Nic an Tòisich airson sin.’
‘Chan e m’ antaidh a dh’òrdaich a bhà s,’ thuirt Eilidh, ‘ach am freiceadan. Ach, innsidh mi seo dhuibh – chan fhada gus an nochd i fhèin is feachd armaichte an seo airson mo thoirt dhachaigh.’
Agus bheir mi an stòiridh gu crìch an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Clach an Fhithich: The Raven’s Stone; nead fithich: a raven’s nest; ghoil: boiled; èiteag: small white pebble; do-fhaicsinneach: invisible; blà r-catha: battlefield; Donnchadh na Dà Òrdaig: Duncan of the Two Thumbs; freiceadan: watchman, sentry.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Dh’inns athair Iain Bhà in dha mu dhraoidheachd na cloiche: Fair John’s father told him about the stone’s magic; ghoid iad na h-uighean: they stole the eggs; dh’fhuirich iad ann an sealladh an nid fad an t-siubhail: they remained in view of the nest the whole time; shuath e na h-uighean leis a’ chloich: it rubbed the eggs with the stone; nuair a bha e air ais air talamh rèidh, dh’fheuch e draoidheachd na cloiche: when he was back on level land, he tried out the stone’s magic; chaidh e à fianais: he disappeared; dh’aontaich iad an gnothach a chumail dìomhair: they agreed to keep the matter secret; oir bha a’ chlach cho cumhachdach: because the stone was so powerful; dh’fhaodadh e sgrios a dhèanamh air a nà imhdean, agus cha bhiodh fios aca gun robh e ann: he could do damage to his enemies, and they wouldn’t know he was there; am fear a chleachdas i airson droch-dhìol no ainneart, bidh e a’ fulang gu dubh: the man who uses it for abuse or violence, he’ll suffer badly; dh’fhalbh Iain a-null a Dhùn Neachdain: John went over to Dunachton; nuair a chaidh e a-steach a dh’ubhal-ghort ri taobh a’ chaisteil: when he entered an orchard next to the castle; bha na coin a’ gabhail dragh oir bha iad a’ faighinn fà ileadh de shrainnsear: the dogs were upset because they were getting the smell of a stranger; air cùl craoibhe: behind a tree; cha robh fios aice gun robh e air a bhith do-fhaicsinneach mionaid roimhe: she didn’t know that he had been invisible a minute before; tha m’ athair air dearbhadh gun dìon e thu ma thig thu a dh’fhuireach againn: my father has certified that he will protect you if you come to stay with us; a’ lìbhrigeadh litir dhomh: delivering me a letter; chan e m’ antaidh a dh’òrdaich a bhà s: it isn’t my aunt that ordered his death.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chan fhaodar a’ chlach a chur gu feum le droch rùn: the stone must not be used with evil intent. Chan fhaodar (or the positive faodar) is an example of a future passive verbal form. Chan fhaodar smocadh ann an taighean-seinnse ann an Alba ‘smoking is not permitted in pubs in Scotland’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha i cho sona ris an rìgh a leannan fhaicinn: she was as happy as the king to see her sweetheart.
Broadcasts
- Sun 23 Feb 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 26 Feb 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.