Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1076
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1076. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 4 Mar 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 772
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1076
Duration: 05:00
Litir 1076: Clach an Fhithich (4)
Bheir mi an sgeulachd Clach an Fhithich gu crìch an t-seachdain seo. Bidh cuimhne agaibh gur e clach dhraoidheil a bh’ ann an Clach an Fhithich. Nam biodh i ann am beul cuideigin, bhiodh an neach sin do-fhaicsinneach. Airson a bhith faicsinneach a-rithist, bhiodh an neach a’ cur na cloiche na phòcaid.
Nochd a’ Bhean-uasal Nic an Tòisich ann am Baile na Creige aig ceann feachd de leth-cheud duine, agus iad uile armaichte. Bha i ag iarraidh Eilidh a thoirt air ais dhachaigh leatha. Bha Eilidh a’ suirghe le Iain Bà n à Baile na Creige.
Ach dhiùlt Eilidh a dhol còmhla ri a h-antaidh. Thug a’ bhean-uasal seachad òrdugh do na daoine aice ionnsaigh a thoirt air an taigh anns an robh Eilidh am falach. Bha cath fuilteach ann.
Thug Iain Clach an Fhithich gu Eilidh. Thog e a bhogha ʼs a shaighdean agus rinn e strì an aghaidh muinntir Dhùn Neachdain. Chaidh a mharbhadh, ge-tà . Fhad ʼs a bha e a’ bà sachadh, thà inig Eilidh thuige. ‘Shluig mi a’ chlach le mearachd,’ dh’aidich i.
‘Obh obh,’ ars Iain Bà n. ‘Chan fhaicear tuilleadh thu, oir bidh thu do-fhaicsinneach a-chaoidh. ʼS dòcha gu bheil sin math dhomh oir chan fhaic fear eile d’ aghaidh bhrèagha. Tha mi a’ bà sachadh agus ʼs e m’ iarrtas mu dheireadh a bhith air mo thiodhlacadh anns a’ choille far an do choinnich sinn ri chèile a’ chiad turas.’ Le sin, thug e suas an deò.
Thog Eilidh bogha Iain agus a shaighdean, agus thòisich i air fir a h-antaidh a mharbhadh. Leis gun robh i do-fhaicsinneach, cha robh fios aca cò às a bha na saighdean a’ tighinn. Cha d’ fhuair às lem beatha ach a’ Bhean-uasal fhèin agus dithis fhear.
Air an oidhche sin, thugadh an dust aig Iain don choille, agus chaidh a thiodhlacadh. Cha robh an là thair ach athair Iain, agus a bhrà thair-chèile, Calum. Uill, chan eil sin buileach fìor. Bha Eilidh an là thair cuideachd, a’ cumail sùil air a h-uile cà il. Ach chan fhaca duine eile i.
Thug athair Iain a bhonaid dheth agus dh’fhà g e beannachd aig a’ ghille aige. ‘Fois sìorraidh aig d’ anam,’ thuirt e.
An uair sin, chuala an dithis fhear glaodh eile. Guth boireann. Guth Eilidh. ‘Fuirich, Iain, a ghrà idh, tha mi a’ dol a laighe còmhla riut ann an sìorraidheachd. Bha fuaim ann coltach ri corp a’ tuiteam gu uaigh, agus chunnaic Calum biodag le fuil oirre air an talamh aig a chasan.
Bha an dithis fhear air an uabhasachadh. ‘Bha fhios agam,’ ars am bodach, ‘gun tigeadh fulangas nam biodh Clach an Fhithich air a cur gu feum le droch rùn. Chaidh Iain a mharbhadh nuair a shluig Eilidh a’ chlach. Agus mharbh ise cuid de a muinntir fhèin, agus a’ chlach na broinn.’
Lìon an dithis fhear an uaigh ach cha do chuir iad comharra sam bith ann a dh’innseadh do dhuine eile far an robh i. Agus, chun an latha an-diugh, chan eil fios aig duine cà ite dìreach a bheil an uaigh aig Iain Bà n agus Eilidh. Ach, tha iad ag rà dh, bho à m gu à m air feasgar samhraidh anns a’ choille faisg air seann Bhaile na Creige, gun cluinnear guth boireannaich, agus i a’ caoineadh gu goirt mu chall an duine aice.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Clach an Fhithich: The Raven’s Stone; a’ suirghe: courting; cath fuilteach: bloody battle; dh’aidich: admitted; a-chaoidh: forever; glaodh: cry, shout; ann an sìorraidheachd: in perpetuity; biodag: dirk.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Nam biodh i ann am beul cuideigin, bhiodh an neach sin do-fhaicsinneach: if it were in somebody’s mouth, that person would be invisible; airson a bhith faicsinneach a-rithist, bhiodh an neach a’ cur na cloiche na phòcaid: to be visible again, the person would put the stone in his pocket; aig ceann feachd de leth-cheud duine, agus iad uile armaichte: at the head of a force of fifty people who were all armed; ionnsaigh a thoirt air an taigh: to attack the house; thog e a bhogha ʼs a shaighdean: he picked up his bow and arrows; fhad ʼs a bha e a’ bà sachadh, thà inig Eilidh thuige: while he was dying, Helen came to him; shluig mi a’ chlach le mearachd: I swallowed the stone by mistake; chan fhaicear tuilleadh thu: you’ll never again be seen; ʼs e m’ iarrtas mu dheireadh a bhith air mo thiodhlacadh anns a’ choille far an do choinnich sinn ri chèile a’ chiad turas: my final request is that I be buried in the wood where we first met each other; thug e suas an deò: he breathed his last; cha d’ fhuair às lem beatha ach a’ Bhean-uasal fhèin agus dithis fhear: the only ones that escaped with their lives were the Lady herself and two men; thugadh an dust aig Iain: John’s mortal remains were taken; bha Eilidh an là thair cuideachd, a’ cumail sùil air a h-uile cà il: Helen was also present, watching everything; dh’fhà g e beannachd aig a’ ghille aige: he said farewell to his son; fois sìorraidh aig d’ anam: may your soul be at peace; air a cur gu feum le droch rùn: used with evil intent; cha do chuir iad comharra sam bith ann: they didn’t leave any mark there; gun cluinnear guth boireannaich, agus i a’ caoineadh: that a woman’s voice is heard, lamenting.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: thòisich i air fir a h-antaidh a mharbhadh: she started to kill her aunt’s men. Traditionally in Gaelic we were more detailed in describing relationships so that ‘my aunt’ would be piuthar m’ athar ‘my father’s sister’ or piuthar mo mhà thar ‘my mother’s sister’. In more recent times, we have adopted the loanwords antaidh ‘aunt’ and uncail ‘uncle’, which allow us to talk about these relations without specifying (or knowing) which side of the family they belong to.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ‘Obh obh,’ ars Iain Bà n: ‘Oh dear,’ said Fair John.
Broadcasts
- Sun 1 Mar 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 4 Mar 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.