Flòraidh NicIain às an Iochdair
Flòraidh NicIain, a chòmhdaich bus le sligean, a' còmhradh ri Iain Anthony Mac a' Ghobhainn. Flora Johnstone who covered a bus in seashells in conversation with Iain Anthony Smith.
Bha Flòraidh NicIain, bean Lachlainn Sheonstain, mar a bh' aca oirre as an Iochdar, animeil air feadh na h-Uibhistean far an robh daoine na b' eòlaiche oirre fon ainm Flòraidh na Sligean.
Choisinn i an t-ainm a thaobh na dealbhan a bha i a’ dèanamh le sligean, agus cuideachd mar a chur i sligean maoraich den h-uile seòrsa ri taobh a-muigh an taigh-tughaidh aice agus ri seann bhus a bh' aice sa ghà radh air cùlaibh an taighe.
Ghlac na bha Flòraidh air a dhèanamh, aire gach cuid luchd-turais 's eileanaich. Thòisich daoine a’ tadhal air an Iochdar, a’ tighinn nan dròbhan à fad 's farsaing, a dh' aona ghnothach gus an taigh 's am bus fhaicinn - agus cuideachd gus coimhead air na h-eòin bheag 's na dealbhan a bha i air a dhèanamh leis na sligean.
Thòisich na daoine a’ ceannach na h-eòin 's na dealbhan aig Flòraidh. Thug i a h-uile sgillinn a thog i às a sin do bhuidheann cathrannais a bha a’ cumail taic ri daoine a bha ‘ fulang leis an tinneas, Multiple Sclerosis mar a bha an duine aice fhèin, Lachlainn.
Nuair a thadhail Iain Anthony Mac a' Ghobhainn oirre ann a 1987, bha Flòraidh ceithir fichead 's a sia bliadhna a dh'aois. A dh'aindeoin sin, nuair a rà inig e, bha i na suidhe aig bòrd beag 's bruis pheant na dòrn. Air a beulaibh bha dà chrogan peant, dubh 's geal, 's crogan mòr den ghlaodh, Evostik. Bha i a’ cur eòin bheaga ri chèile - penguins 's puffins - 's iad air an dèanamh à sligean feusgain.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 19 Mar 2020 12:08´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 19 Mar 2020 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Mar 2020 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal