Main content
This programme is not currently available

Smuaintean air Tormod MacArtair

Smuaintean air Tormod MacArtair, Am Brot, a bhàsaich na bu tràithe am-bliadhna, le Alasdair Caimbeul. Alasdair Campbell recalls Norman Macarthur, who died earlier this year.

Bha oifis Thormoid MhicArtair à Càrlabhagh, neo am Brot mar a b' eòlaich daoin’ air, air cidhe Steòrnabhaigh, na àite cruinneachaidh do dh'iomadach duine aig nach robh gnothaich ris an obair luingeis ris a robh e. Carson? Uill, bu chaomh leis cuideachd, cha robh càil a b'fheàrr leis na seanchas innse, agus cha bhiodh duine fada le cridhe goirt còmhla ris. Agus, bu chaomh leis a bhith bruidhinn air ball-coise. Leis an fhìrinn innse, cha robh mòran idir na bu chudromaiche dha na ball-coise.

Thug e fad a bheatha, cha mhòr bho thàinig e dhan t-saoghal ann a 1938, a’ leantainn ‘s a’ cluiche ball-coise. Thòisich e na leanabh air a' ghlas talamh mu choinneamh an taighe air Sràid Sheumais, lean e ris ann a Sgoil 'icNeacail a Steòrnabhagh agus mu dheireadh bha e a' cluiche do sgioba Chàrlabhaigh. A thuilleadh air a sin, bha cuimhne agus fiosrachadh aige air ball-coise a bha mì-choltach!

Bhàsaich Tormod aig aois 81 aig toiseach na bliadhna agus a seo, agus air an t-seachdain a bha seusan a' bhuill-coise ann a Leòdhas 's na Hearadh an dùil tòiseachadh às ùr, tha Alasdair Caimbeul, Alasdair a' Bhocsair à Nis, a bh' ann a Sgoil 'icNeacail agus anns a' hostail còmhla ris, a' toirt thugainn a smuaintean air Tormod.

15 minutes

Last on

Fri 10 Apr 2020 17:15

Broadcasts

  • Tue 7 Apr 2020 12:00
  • Fri 10 Apr 2020 17:15