Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1085
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1085. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 6 May 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 781
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1085
Duration: 05:00
Litir 1085: An Gobha Ruadh agus Dòmhnall an Òir (2)
Bha mi ag innse eachdraidh dhuibh à Là mh-sgrìobhainn Chnoc Mhoire no The Wardlaw Manuscript. Bha Dòmhnall MacAlasdair – sgalag òg aig a’ Ghobha Ruadh – air poit là n òir a lorg. Ach ghoid an Gobha Ruadh a’ phoit agus chuir e am falach i. Nuair a chaidh an dithis don à ite far an do lorg Dòmhnall a’ phoit, cha robh sgeul oirre. ‘Cha robh ann ach aisling,’ thuirt an Gobha Ruadh.
Cha b’ urrainn don dithis an gnothach a chumail dìomhair. Chuala an ceann-cinnidh, Mac Shimidh, mu dheidhinn. Dh’iarr e air Dòmhnall MacAlasdair nochdadh air a bheulaibh.
‘An do lorg thu poit là n òir?’ dh’fhaighnich Mac Shimidh.
‘Lorg,’ dh’aidich Dòmhnall. Agus dh’inns e dha mar a thachair.
An uair sin, dh’iarr Mac Shimidh air a’ Ghobha Ruadh nochdadh air a bheulaibh.
‘A bheil fios agad dè thachair don phoit agus don òr?’ dh’fhaighnich an ceann-cinnidh.
‘Chan eil, gu dearbh,’ thuirt an gobha. ‘Chan eil cà il a dh’fhios agam mun òr, ach gun d’ fhuair an nighean agam fà inne o Dhòmhnall MacAlasdair.’ Agus, le sin, thug e an fhà inne seachad mar thiodhlac don uachdaran. Bha an fhà inne uabhasach fhèin brèagha. Bha dà là imh snaighte oirre, agus crois. Bha Mac Shimidh cho toilichte leatha ’s gun robh i air a chorraig – mac an aba – fad a’ chòrr de a bheatha.
A dh’aindeoin ’s gun robh an ceann-cinnidh toilichte mun fhà inne, cha robh e fhèin no daoine eile dhen bheachd gun robh an Gobha Ruadh ag innse na fìrinn. Chaidh an gobha a chur don phrìosan gus an aidicheadh e a chiont. Bha Dòmhnall MacAlasdair gu math cliùmhor a-nise, agus thug daoine frith-ainm ùr dha – Dòmhnall an Òir. Bha daoine eòlach air mar ‘Dòmhnall an Òir’ gus an do chaochail e.
Fhad ’s a bha an Gobha Ruadh sa phrìosan anns a’ Mhanachainn, air a cheangal ris na ballachan le slabhraidhean iarainn, bha feadhainn an dùil gun aidicheadh e a mhèirle. Ach cha do dh’aidich. Bha sianar nighean aige, agus phòs tè dhiubh fear air an robh Fearchar Òg. Nise, dòigh air choreigin, fhuair Fearchar grèim air an òr – buinn luachmhor bho air feadh na Roinn Eòrpa. Thug e air a’ ghobha – athair-chèile – gun a bhith ag aideachadh cà il mun ulaidh. Agus chaochail an Gobha Ruadh anns a’ phrìosan.
Dè rinn Fearchar Òg leis an òr? Uill, chaidh e fhèin is a bhean a Leitir Iù ann an Ros an Iar, far an robh Sasannaich ag obair ann an gnìomhachas iarainn. Bha Fearchar dhen bheachd gum faigheadh e deagh phrìs air an òr an sin. Ach cha d’ fhuair. Bha e aineolach mu a leithid agus reic e an t-òr air prìs ìosal.
Agus cò à s a thà inig an t-òr anns a’ chiad à ite? Tha cuid dhen bheachd gur e stòras a bh’ ann aig bean Mhic Shimidh, ginealach no dhà roimhe. Ghoid bana-shearbhant e agus chuir i ann am poit chrèadha e fon talamh. Bha i air a diteadh dhen eucoir. Mar pheanas, bha i gu bhith air a bà thadh ann an à ite ris an cainte Poll na Pà irc. Bha i fodha dà thuras airson ’s gun aidicheadh i a ciont. Le a ±ôà ³¾³óan, chomharraich i an t-à ite san robh an t-òr, ach fhuair i bà s mus do lorg duine e. Bha sin gus an do lorg Dòmhnall an Ã’ir e bliadhnaichean an dèidh là imhe.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Là mh-sgrìobhainn Chnoc Mhoire: The Wardlaw Manuscript; Clann ’ic Shimidh: The Frasers of Lovat; Leitir Iù: Letterewe.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: sgalag òg aig a’ Ghobha Ruadh: a young servant of the red-haired blacksmith; chuir e am falach i: he hid it; cha b’ urrainn don dithis an gnothach a chumail dìomhair: the two [men] couldn’t keep the matter secret; chuala an ceann-cinnidh, Mac Shimidh, mu dheidhinn: the clan chief, Fraser of Lovat, heard about it; nochdadh air a bheulaibh: to appear in front of him; ach gun d’ fhuair an nighean agam fà inne o X: except that my daughter got a ring from X; cho toilichte leatha ’s gun robh i air a chorraig – mac an aba – fad a’ chòrr de a bheatha: so pleased with it that it was on his finger – ring finger – for the remainder of his life; chaidh an gobha a chur don phrìosan gus an aidicheadh e a chiont: the smith was sent to prison until he admitted his guilt; thug daoine frith-ainm ùr dha – Dòmhnall an Òir: people gave him a new nickname – Donald of the Gold; air a cheangal ris na ballachan le slabhraidhean iarainn: tied to the walls with iron chains; dòigh air choreigin, fhuair Fearchar grèim air an òr: in some way or other, Farquhar got hold of the gold; thug e air a’ ghobha – athair-chèile – gun a bhith ag aideachadh cà il mun ulaidh: he forced the smith – his father-in-law – not to admit anything about the treasure; far an robh Sasannaich ag obair ann an gnìomhachas iarainn: where English people were working in an iron [smelting] business; gum faigheadh e deagh phrìs air an òr an sin: that he would get a good price for the gold there; reic e an t-òr air prìs ìosal: he sold the gold at a low price; air a diteadh dhen eucoir: prosecuted for the crime; mar pheanas, bha i gu bhith air a bà thadh ann an à ite ris an cainte Poll na Pà irc: as punishment, she was to be drowned in a place called the Pool of the Park.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha dà là imh snaighte oirre: there were two hands carved on it. Why do we say dà là imh and not dà ±ôà ³¾³ó? Because ±ôà ³¾³ó is a feminine noun which is traditionally slenderised in the dual counting case, which is identical to the dative singular, but lenited (the lenition of an ‘l’ not being shown in writing). Similarly we say dà chluais for ‘two ears’, rather than dà chluas.
Gnathas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha an fhà inne uabhasach fhèin ²ú°ùè²¹²µ³ó²¹: the ring was incredibly beautiful.
Broadcasts
- Sun 3 May 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 6 May 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.