Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1084
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1084. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 29 Apr 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 780
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1084
Duration: 05:00
Litir 1084: An Gobha Ruadh agus Dòmhnall an Òir (1)
A bheil sibh eòlach air an t-seann là mh-sgrìobhainn ris an canar Là mh-sgrìobhainn Chnoc Mhoire no The Wardlaw Manuscript? Bha i air a sgrìobhadh ann am meadhan an t-seachdamh linn deug. Tha i ag innse tòrr mu eachdraidh Chlann ’ic Shimidh – no mar a chanas iad ann am Beurla, the Frasers of Lovat. Tha mi airson stòiridh innse dhuibh a nochdas anns an là mh-sgrìobhainn – naidheachd mu rudeigin annasach a thachair anns an sgìre sin o chionn fhada.
Bha fear ann uaireigin air an robh an Gobha Ruadh. B’ e sin am far-ainm a bh’ air, co-dhiù. ’S e fear buadhach a bh’ ann. Anns an t-Sultain, sia ceud deug is ceathrad (1640), dh’iarr e air fear de na sgalagan aige, Dòmhnall MacAlasdair, gadan droighinn fhaighinn dha. Chaidh Dòmhnall gu preas droighinn siar air ubhal-ghort Lobhat. Shreap e suas anns a’ chraoibh ach thuit an sgian às an là imh aige.
Nuair a bhuail an sgian anns an talamh, rinn i gliongadaich mar gun robh i air bualadh ann am meatailt. Nuair a thog Dòmhnall an sgian aige, mhothaich e gun robh i air bualadh ann am poit-chrèadha a bha còmhdaichte le còinneach. Chladhaich e a’ phoit a-mach. Bha a’ phoit là n òir.
Cha tug Dòmhnall leis ach fà inne. Dhùin e a’ phoit agus chuir e air ais i. Lean e air le bhith a’ gearradh ghadan airson a’ ghobha, agus chaidh e air ais don cheà rdaich. Nise, cha b’ e Dòmhnall an cuilean a bu ghlice san à l. Nuair a rà inig e a’ cheà rdach, bha nighean aig a’ ghobha a’ fuine aran aig an teine.
‘Trobhad seo, a Sheònaid,’ arsa Dòmhnall, ‘thoir dhomh bonnach no dhà agus bheir mise fà inne bhrèagha dhut.’
Thug Seònaid bonnaich gu leòr dha, agus thug Dòmhnall an fhà inne dhi. Tha fhios gun robh an nighean toilichte.
Uill, thill an Gobha Ruadh dhachaigh. Chunnaic e an fhà inne òir air corrag – mac an aba – a nighinn.
‘Cà ite an d’ fhuair thu an fhà inne bhrèagha sin?’ dh’fhaighnich e.
‘O Dhòmhnall MacAlasdair,’ fhreagair i.
Chaidh an gobha a bhruidhinn ri Dòmhnall an uair sin. Fhuair e a-mach clubhair mun òr a lorg an sgalag nuair a leig e an sgian.
‘Cùm sà mhach mu dheidhinn seo,’ thuirt an gobha. ‘Dèan d’ obair agus na can guth ri duine. Aig deireadh an latha, thèid sinn ann còmhla.’
Dh’fhalbh Dòmhnall a dh’obair. Cha do thuig e nach robh an Gobha Ruadh onarach. Dh’fhalbh an gobha don phreas droighinn. Fodha, chunnaic e a’ phoit. Thog e i, agus gu dearbh fhèin, bha i là n òir.
Dh’fhalbh an gobha dhachaigh leis a’ phoit. Chuir e am falach i ann an ciste ghlaiste. Aig deireadh an latha-obrach, chaidh e far an robh Dòmhnall. ‘Sin thu, a Dhòmhnaill,’ thuirt e, ‘rachamaid sìos don phreas, agus lorgaidh sinn a’ phoit a tha là n ulaidh.’
‘Ceart gu leòr,’ dh’aontaich Dòmhnall, agus e gun amharas. Nuair a rà inig an dithis am preas, cha robh sgeul air a’ phoit. Cha robh ann ach sloc beag far an robh a’ phoit air a bhith. ‘Ach bha i an seo,’ thuirt Dòmhnall le cinnt.
‘Ist,’ thuirt am fear eile, ‘cha robh ann ach aisling. Chan fhaca tu poit an seo. Cha robh òr an seo ann! Na can ri duine gun robh.’ Agus dè thachair an uair sin? Gheibh sibh a-mach anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Là mh-sgrìobhainn Chnoc Mhoire: The Wardlaw Manuscript; Clann ’ic Shimidh: The Frasers of Lovat; far-ainm: nickname; shreap: climbed; fà inne òir: gold ring; mac an aba: ring finger; fodha: under it.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: naidheachd mu rudeigin annasach a thachair anns an sgìre sin o chionn fhada: an anecdote about a strange thing that happened in that area a long time ago; bha fear ann uaireigin air an robh an Gobha Ruadh: there was once a man called the red-haired blacksmith; ’s e fear buadhach a bh’ ann: he was an influential man; dh’iarr e air fear de na sgalagan aige gadan droighinn fhaighinn dha: he asked one of his servants/lackeys to get him withes of blackthorn; preas droighinn siar air ubhal-ghort Lobhat: a blackthorn bush west of the Lovat orchard; thuit an sgian às an là imh aige: the knife fell from his hand; rinn i gliongadaich mar gun robh i air bualadh ann am meatailt: it made a clinking sound as if it had hit metal; poit-chrèadha a bha còmhdaichte le còinneach: a clay pot that was covered in moss; chaidh e air ais don cheà rdaich: he went back to the smiddy; cha b’ e Dòmhnall an cuilean a bu ghlice san à l: Donald wasn’t the wisest puppy in the litter; a’ fuine aran: baking bread; cùm sà mhach mu dheidhinn seo: keep quiet about this; dèan d’ obair agus na can guth ri duine: do your work and don’t say anything to anybody; aig deireadh an latha, thèid sinn ann còmhla: at the end of the day, we’ll go there together; chuir e am falach i ann an ciste ghlaiste: he hid it in a locked chest; chaidh e far an robh Dòmhnall: he went to where Donald was; rachamaid sìos don phreas: let’s go down to the bush; lorgaidh sinn a’ phoit a tha là n ulaidh: we’ll find the pot that is full of treasure; cha robh ann ach aisling: it was just a dream; cha robh òr an seo ann: there was no gold here.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Trobhad seo. This phrase literally means ‘come here’ and this is how it is often used ie when you want somebody to come towards you physically. But it can also be used as a phrase to gain somebody’s attention so that you can tell them something – perhaps even confidential. We might translate it as ‘listen in’. You’ll also hear trobhad ort used in the same way.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Fhuair e a-mach clubhair mun òr: he found out quickly about the gold. This idiom is not present in every dialect.
Broadcasts
- Sun 26 Apr 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Apr 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.