Seinneadairan às an Iochdair
Còmhradh 's òrain bho dithis às an Iochdair: Seonaidh Mac-a-Phì 's Criosaidh NicEachain. Conversation and song from two singers from Iochdair: John MacPhee and Chrissie MacEachen.
'S ann às an Iochdair a tha na seinneadairean Seonaidh Mac a’ Phì agus Criosaidh NicEachain.
'S ann air an Òs as an Iochdair ann a 1940 a rugadh Seonaidh, do dh’ Aonghas Catriona agus Ceit a Mhuilleir, am fear bu shine de sheachdnar a theaghlach.
Bha seinn san teaghlach agus thòisich Seonaidh a' seinn na òige an Uibhist ach, mar a cluinneas sin, ‘s ann bho chaidh e a Ghlaschu a dh’ionnsaich e a’ chuid bu mhotha dhe na h-òrain aige.
'S ann air a’ phoileas an Glaschu a chaidh Seonaidh, agus nuair a leig e dheth a dhreuchd a sin, bhiodh e cuideachadh dhaoine a’ faighinn tro dheuchainn an drà ibhidh agus a’ teagasg na Gà idhlig agus seinn.
Ann a 1986 bhuannaich Seonaidh Bonn Òir an t-Seann Nòis aig Mòd Dhùn Eideann.
Rugadh Criosaidh NiCEachain ann a 1935, ‘s b’ann nuair a bha i ag obair an Glaschu a thachair i ri Raghnall MacEachain às an Àird am Beinn na Fadhla. Fhuair esan obair ann a ‘70 ann an Sgoil a' Ghearastain agus ghluais iad gu tuath.
Chaidh i fhèin agus Raghnall a’ sàs ann am Meur a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an Loch Abar. Bhuannaich i Bonn Òir an t-Seann Nòis san Eilean Sgitheanach ann a ‘82 agus rinn i obair ionmholta a' teagasg chòisirean òigridh ann an sgoiltean na sgìre, gu h-à raid Coisir Òg Loch Abar, a thog iomadach duais fo stiùir Criosaidh thairis air deich bliadhna fichead.
Air sgà th ‘s an obair a rinn i an luib na Gà idhlig a fhuair i urram Saorsa Loch Abair aig a' Mhòd a sin ann a 2007.
Cluinnidh sinn còmhraidhean a bh' aig an dithis le Crisdean Dillon agus òrain a fhuair e bhuapa cuideachd.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 4 Jun 2020 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 4 Jun 2020 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Jun 2020 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal