Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cairstìona Sheathach

An seinneadair Cairistìona Sheathach ann an còmhradh ri Màiread NicIllinneinn mu a h-òrain. The Gaelic traditional singer Kirsty Shaw in conversation with Mairead MacLennan.

B' i Cairistìona Sheathach a rugar ann a 1906, a b’ òige dhan t-sianar chloinne aig Mòr agus Uilleam 'Donn' Dòmhnallach a bha iad fhèin le chèile fior mhath air seinn.
Lean a' liut sin ri Cairistìona agus a piuthair Peigi gu seachd àraid. Bha iad air leth fiosrachail air eachdraidh nan òran cuideachd, rud a dh’fhag gu robh fèill mhòr air an stòras sin thairis air na bliadhnachan le iomadach neach a’ tadhal orra, a’ ceasnachadh agus a’ clàradh 's cuid a’ faighinn fàilte nas blàithe na cuid eile!

Ag èisteachd ri Cairistìona a' bruidhinn ann a 1989 bha e follaiseach do Mhàiread NicIllinnein nach robh na bliadhnachan air crionadh sam bith thoirt air a cuimhne ‘s gu robh i fhathast le làn a’ claigeann de dh’fhiosrachadh. Ach cha robh sin na iongnadh sam bith agus i air a togail, agus a' tighinn beò, ann an coimhearsnachdan far an robh i air a cuairteachadh le bàrdachd, seinn is òrain. Cha robh ise ach glè òg nuair a chaidh an teaghlach a dh’ fhuireach a Mheabhaig nam Beann, eadar Bun Abhainn Eadarra agus Amhuinnsuidhe ann a ceann a tuath na Hearadh. 'S ann na dachaigh air an Tairbeart a chaidh Mairead a chèilidh air Cairistìona agus sheinn i dòirleach òrain dhi cuideachd.

30 minutes

Last on

Sun 14 Jun 2020 09:30

Broadcasts

  • Thu 11 Jun 2020 12:00
  • Thu 11 Jun 2020 22:00
  • Sun 14 Jun 2020 09:30