Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1094
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1094. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 8 Jul 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 790
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1094
Duration: 05:00
Litir 1094: Uilleam Uallas (4)
Bheir mi an cunntas agam air Uilleam Uallas gu crìch an-diugh. Air an aonamh latha deug dhen t-Sultain, dà cheud deug, naochad ʼs a seachd (1297), nochd Uallas agus a chompanach Anndra Moireach aig Drochaid Shruighlea, air an taobh tuath dhith. Bha na mìltean shaighdearan cuide riutha.Â
Bha armailt tòrr na bu mhotha aig na Sasannaich, ge-tà . Bha iad fo stiùir Iain Uarainn, Iarla Shurraidh, agus Ùisdean Cresingham, agus bha iad a’ feitheamh gu deas air an drochaid. Cha robh dòigh eile airson saighdearan a chur tarsainn na h-aibhne ach thar na drochaid, a bha gu math cumhang.
Sheas na h-Albannaich air cnuic, a’ feitheamh ris na Sasannaich. An dèidh greis, chuir Uarainn dithis shagartan a-null far an robh Uallas. Tha ùghdar a’ chunntais, Aonghas MacCoinnich, ag innse dhuinn gun robh iad a’ tairgsinn ‘maitheanas dha fhèin ʼs dha a luchd-leanmhainn nan leigeadh iad sìos an armachd.’ Chuir Uallas na sagartan air ais le teachdaireachd do Uarainn nach robh e ag iarraidh ach aon rud – blà r a thoirt do na Sasannaich agus saorsa aiseag do dh’Alba.
Chuir sin fearg air cuid de na h-oifigearan Sasannach. Bha iad airson a dhol a-null thar na drochaid agus ionnsaigh a thoirt air armailt Uallais, ged a bha sin cunnartach dhaibh.Â
Chaidh gnothaichean air adhart gu math dhaibh an toiseach. Sheas na h-Albannaich far an robh iad. Chaidh marc-shluagh tarsainn na drochaid an toiseach – na ceudan aca. Bha iad air an leantainn le saighdearan-coise. Cha tug na h-Albannaich ionnsaigh orra.
Ach cha robh iad dìomhain. Dh’iarr Uallas air buidheann de luchd-sleagha dhol sìos don abhainn gu sà mhach, socair. Nuair a bha leth de dh’armailt nan Sasannach air a dhol tarsainn na drochaid, thug Uallas òrdugh don luchd-sleagha an drochaid a dhùnadh. Chan fhaigheadh an còrr de na Sasannaich a-null. Thug saighdearan Uallais ionnsaigh bhrùideil air an fheadhainn a bh’ air a dhol tarsainn na h-aibhne mu-thrà th.
Chaidh am marc-shluagh an comhair an cùil. Bha iad a-nise am measg nan saighdearan-coise aca fhèin, agus bha buaireadh ann. Dh’fheuch cuid de na ridirean faighinn tarsainn na h-aibhne, ach chaidh am bà thadh. Bha an armachd aca ro throm airson a bhith a’ snà mh.
Chaidh an latha leis na h-Albannaich. Bhathar ag rà dh, dhen à ireamh mhòr de Shasannaich a chaidh tarsainn na drochaid, nach d’ fhuair à s beò, ach triùir. Bha Cresingham am measg nam marbh.Â
Bha Iarla Shurraidh a’ coimhead air gnothaichean bho thaobh a deas na h-aibhne. Thomhais e nach robh iad sà bhailte an sin tuilleadh, agus theich an armailt Shasannach gu ruige Bearaig air taobh Shasainn dhen chrìch. Cha b’ e sin a-mhà in, ach theich na saighdearan Sasannach bho na caistealan, a bh’ air a bhith nan là mhan, ann an ceann a deas na h-Alba.
Lean Uallas orra, le fichead mìle saighdear na chois, thar na crìch. Rinn e miastadh ann an ceann a tuath Shasainn mus do thill e dhachaigh. Thug e mar sin a saorsa a dh’Alba, agus chaidh aithneachadh mar riaghladair na dùthcha. Cha b’ e sin deireadh an sgeòil, ge-tà , oir bha Rìgh Eideard Shasainn, a bha ri cogadh thall air tìr-mòr na Roinn Eòrpa, gu math feargach mu na thachair. Ach fà gaidh mi an còrr dhen sgeul gu latha eile.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Uilleam Uallas: William Wallace; Anndra Moireach: Andrew [de] Moray; Drochaid Shruighlea: Stirling Bridge; dithis shagartan: two priests; dìomhain: idle; ionnsaigh bhrùideil: a brutal attack.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha na mìltean shaighdearan cuide riutha: there were thousands of soldiers with them; fo stiùir Iain Uarainn, Iarla Shurraidh: under the direction/command of John de Warrene, the Earl of Surrey; cha robh dòigh eile airson saighdearan a chur tarsainn na h-aibhne: there was no other way of getting soldiers over the river; ach thar na drochaid, a bha gu math cumhang: except across the bridge, that was very narrow; maitheanas dha fhèin ʼs dha a luchd-leanmhainn: forgiveness [a pardon] for himself and his followers; nan leigeadh iad sìos an armachd: if they would put down their arms; chaidh marc-shluagh tarsainn na drochaid: cavalry crossed the bridge; air an leantainn le saighdearan-coise: followed by infantry; thug Uallas òrdugh don luchd-sleagha an drochaid a dhùnadh: Wallace ordered his spearmen to close the bridge; chan fhaigheadh an còrr de na Sasannaich a-null: the rest of the English couldn’t cross; a bh’ air a dhol tarsainn na h-aibhne mu-thrà th: who had already crossed the river; bha iad a-nise am measg nan saighdearan-coise aca fhèin, agus bha buaireadh ann: they were now among their own infantry, and there was chaos; dh’fheuch cuid de na ridirean faighinn tarsainn na h-aibhne, ach chaidh am bà thadh: some of the knights tried to cross the river, but they were drowned; nach d’ fhuair às beò, ach triùir: that only three survived; am measg nam marbh: among the dead; gu ruige Bearaig air taobh Shasainn dhen chrìch: to Berwick on the English side of the border; miastadh ann an ceann a tuath Shasainn: mischief in the north of England: a bha ri cogadh thall air tìr-mòr na Roinn Eòrpa: who was fighting a war on the European continent.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: nach robh e ag iarraidh ach aon rud – blà r a thoirt do na Sasannaich agus saorsa aiseag do dh’Alba: that he only wanted one thing – to wage war on the English and deliver freedom to Scotland. This is the phrase that Angus MacKenzie used in his book. You will be familiar with aiseag meaning ‘ferry’ ie ‘ferry boat’, but MacKenzie is using it here in an older sense of ‘delivery, delivering’. Aiseag can mean the act of transferring or delivering something or somebody (as in across a body of water); you will still hear it being used as the verbal noun ag aiseag.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Chaidh am marc-shluagh an comhair an cùil: the cavalry went backwards.
Broadcasts
- Sun 5 Jul 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 8 Jul 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.