Fèin-Aithne sa Bhruiseal 2/2
An dà rna prògram le Eoghan Mitchison a' beachdachadh air fèin-aithne anns a' Bhruiseal. Eoghan Mitchison continues his discussion on identity with Coinneach Smith in Brussels.
Anns an t-sreath sa tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ tadhal air luchd-labhairt na Gà idhlig air feadh na Roinn Eòrpa aig à m nuair a tha crìochan air fàs gu math nas caochlaidiche. Sa phrògram sa tha e a-rithist anns a’ Bhruiseal: prìomh bhaile na Beilge agus na Roinn Eòrpa. ’S ann a seo a tha Eòghan Mitchison ag obair agus a’ fuireach.
Tha Eòghan a’ sealltainn togalach mòr pà rlamaid an Aonaidh Eòrpaich dhuinn – agus ag innse beagan mu na daoine, na h-obraichean, agus na cumhachdan a tha na chois. Agus mar fhear aig a bheil teaghlach à dà dhùthaich Eòrpach, tha Eòghan fhèin a’ beachdachadh air dè cho cudromach is a tha fèin-aithne Eòrpach – agus a bheil leithid de rud ann?
Cuideachd, tha iad a’ gabhail cuairt sìos seachad air oifigich riaghaltais agus a’ cluinntinn fuaimean, guthan, is ceòl ann an sgìre Mhatonge a Bhruiseil. ’S ann à Afraga a tha mòran dhe na tha a' fuireach a seo – agus tha cultar là idir aca a seo fhèin. Ach saoil dè a nì sibh dhen a’ seòrsa bidhe a gheibhear sna bùithtean a seo – an dùil dè seòrsa blas a th’ air bratag ròsta?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 14 Jul 2020 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 14 Jul 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Jul 2020 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Boxing Day 2022 15:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal