Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fèin-Aithne an Aberystwyth 1/2

Cnuasachadh air fèin-aithne sa Chuimrigh, leis an Èireannach Peadar Ó Muircheartaigh. A reflection on identity in Wales, with the Irishman Peadar Ó Muircheartaigh.

Anns an t-sreath sa, tha sinn air beachdachadh air fèin-aithne le Gàidheil air taobh thall crìoch ùr an Aonaidh Eòrpaich bho dhùthaich an àraich. Anns a’ phrògram sa, tha sinn ann am Breatainn – a’ còmhradh ri Peadar Ó Muircheartaigh, Èireannach a tha a’ fuireach ann an Aberystwyth sa Chuimrigh.

Na òraidiche oilthighe, tha Peadar ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba dha na Cuimrich. Ach cò ris a tha fèin-aithne nan Cuimreach a seo coltach?

Cluinnidh sinn mar a tha cànan agus fèin-aithne nàiseanta nan Cuimreach co-cheangailte agus mar a tha fèin-aithne cultarail gu math làidir aig an dùthaich seo.

Tha ceangalan eachdraidheil aig Aberystwyth ri mar a fhuair crùn Shasainn smachd air a’ Chuimrigh sna meadhan aoisean. Ach dè seòrsa buaidh a th’ aig eachdraidh air fèin-aithne a’ latha an-diugh?

Agus dè mu dhèidhinn Brexit? Mar a tha Peadar ag innse, bhòt an dùthaich sa bheil e a’ fuireach airson an Aonaidh Eòrpaich fhàgail. Ach ciamar a tha sin a‘ toirt buaidh air fhèin?

30 minutes

Last on

Sun 8 Jan 2023 10:00

Broadcasts

  • Tue 21 Jul 2020 12:00
  • Tue 21 Jul 2020 22:30
  • Sun 26 Jul 2020 10:00
  • Sun 8 Jan 2023 10:00