Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fèin-Aithne an Aberystwyth 2/2

A’ crìochnachadh an t-sreath ann an Aberyswyth sa Chuimrigh le Peadar Ó Muircheartaigh. The last programme in the series from Aberystwyth in Wales, with Peadar Ó Muircheartaigh.

Am prògram mu dheireadh ann an sreath a‘ beachdachadh air fèin-aithne Ghàidheil a tha an-diugh a‘ fuireach thall-thairis, ann an saoghal far a bheil crìochan eadar-nàiseanta ag atharrachadh. Sa phrògram sa tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ crìochnachadh a chuairt sa Chuimrigh le Peadar Ó Muircheartaigh, Èireannach a tha ag obair aig Oilthigh Aberystwyth.

Tha Peadar a’ toirt cothrom do Choinneach a thighinn a-steach air na clasaichean Gàidhlig agus Cuimris a tha a’ dol air làrach an oilthighe, agus cluinnidh sinn beachdan oileanaich bho air feadh na Roinn Eòrpa, agus nas fhaide air falbh, mu fhèin aithne.

Agus tha Peadar cuideachd ag innse mar a tha sgaraidhean agus coimeasan follaiseach eadar Ceiltich na Cuimrigh agus Ceiltich nan dùthchannan Gàidhealach nuair a tha thu a’ fuireach nam measg. Cò ris a tha e coltach a bhith a’ fuireach ann am baile far a bheil fèin-aithne agus cànan na Cuimrigh cho làidir?

Cluinnidh sinn bho Pheadar mar a tha e air a bheachdansan mu cho Gàidhealach is a tha e a dhaingneachadh, agus gheibh sinn a bheachdan air fèin-aithne san fharsaingeachd.

30 minutes

Last on

Sun 15 Jan 2023 10:00

Broadcasts

  • Tue 28 Jul 2020 12:00
  • Tue 28 Jul 2020 22:30
  • Sun 2 Aug 2020 10:00
  • Mon 9 Jan 2023 15:30
  • Wed 11 Jan 2023 20:00
  • Sun 15 Jan 2023 10:00