Dòmhnall Iain MacIllFhinnein à Cà rlabhagh
Dòmhnall Iain MacFhillinnein a' toirt cunntas air Steòrnabhagh bho chionn 100 bliadhna. D J Maclennan describes Stornoway as it was 100 years ago to Annella Macleod.
Tha facal ann a tha ag rà dh gur binn guth an eòin far na rugadh e agus, a rèir a theaghlach, bha sin dha-rìreabh fìor mun fhear air an deach Annella Nicleòid a chèilidh ann a 1991.
Ged a b’fheudar do Dhòmhnall Iain MacFhillinnein, Dòmhnall Iain Dhòmhnaill Dròbhair, Cà rlabhagh fhagail ‘s gun e ach dà bhliadhna dheug, cha do chaill e a-riamh an dà imh a bh’ aige ris a’ bhaile neo na daoine.
Rugadh Dòmhnall Iain am Mullach Chà rlabhaigh air 6 Cèitean 1904, an duine bu shine de chòignear a theaghlach a bh’ aig Dòmhnall Dròbhair agus a bhean Anna cuideachd à Mullach Chà rlabhaigh. Ach, gun Dòmhnall Iain ach 12, bhà saich an athair ‘s am mhà thair. B’ fheudar an uair sin dha fhèin, a pheathraichean agus a bhrà ithrean beaga a dhol a dh’fhuireach còmhla ri cà irdean fa leth ann a Steòrnabhagh. A dh’aindeoin sin cha do chaill iad a-riamh an ceangal a bh’ aca ri chèile neo aigesan ri Cà rlabhagh.
Cha robh cùisean furast’ agus cha robh cà il air a shon aig aois 14 ach a dhol a dh’obair, agus cha robh oisean dhen a’ bhaile air nach e mion-eòlach. A seo tha e ag innse do dh' Annella mu na h-obraichean a bh' aige agus a' ruith air a h-uile bùth, a' dèanamh dealbh air Steòrnabhagh bho chionn 100 bliadhna, mar a bha dha fhaicinn cho soilleir ann a sùil na cuimhne.
Last on
Dòmhnall Iain MacIllFhinnein le tè às a' Rubha
Broadcasts
- Thu 6 Aug 2020 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 6 Aug 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal