Tormod MacCoinnich à Nis 's New Zealand
Na h-amhrain aig Tormod MacCoinnich, Tormod Dholaidh Fhionnlaigh à Eòradal 's New Zealand. Norman MacKenzie, from Ness and New Zealand, explains his unusual song-writing style.
'S e teip de dh'amhrain dha nach cuala Jo NicDhòmhnaill an samhail a-riamh a rà inig i ann an 1988, a bha mar mheadhan air na chluinneas sibh a seo agus gu dearbha cluinnidh sibh na h-amhrain cuideachd.
Rugadh Tormod MacCoinnich, Tormod Dholaidh Fhionnlaigh no An Kipper mar a b’fhearr a dh’ aithnicheadh a cho-aoisean ann an Nis e, ann a 1915.
Chaidh a thogail ann an Eòradal ach aig an à m a thachair Jo NicDhòmhnaill ris na dhachaigh air iomall Wellington, bha e air a bhith a’ fuireach ann a New Zealand airson dà fhichead bliadhna no còrr. Mar na h-uibhir dhan ghinealach sin, b’ e seòladh a thug ann e an toiseach. Chaidh e mach a New Zealand air tè dha na Federal boats, a Norfolk ann a 1949 – agus nuair a rà inig i Wellington rinn e rud a bha an aghaidh an lagh, ach nach robh na annas am measg sheòladairean aig an à m - leum e an t-soitheach is dh’fhuirich e air tìr. Tro thìde fhuair e ballrachd ann an Aonadh nan Seòldairean agus an uair sin obair air bà taichean a bha a' toirt carago timcheall bailtean-puirt New Zealand. Lean e ris an obair sin gus na phòs e ann an 1953.
Bha Tormod air amhrain a sgrìobhadh roimhe - Amhran a’ Waiwera is Amhran Cladach Sgiogarstaigh - ach b' e teip a chuir e dhachaigh gu Fionnlagh Macleòid de dh'amhrain eile, bu choireach gun deach Jo a shealltainn air nuair a bha i a New Zealand, a thuilleadh air faighinn a-mach dè an tarraing a bh’ anns an à it' dha balaich nan eilean, gu h-araid an dèidh an dà rna cogadh.
Last on
Broadcasts
- Thu 13 Aug 2020 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 13 Aug 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Aug 2020 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal