Dithis a bha a' fuireach a Hiort
Fear a bha na inbheach 's te a bha na pà iste air Eilean Hiort. Le Ceitidh A NicChoinnich. Life as an adult and as a child on St Kilda with Lachlan MacDonald and Chrissie Cameron.
Beagan bhliadhnaichean às dèidh do Cheitidh Anna NicChoinnich a bhith a Hiort ann a 1979, bha i air leth toilichte coinneachadh ri Lachlan Dòmhnallach, fear de bhalaich an eilein, a dh’fhà g Hiort air bòrd a’ bhà ta Harebell, còmhla ris a’ chòrr den t-sluagh bho chionn 90 bliadhna, air 29mh den Lùnastal 1930. Bha Lachlan 24 aig an à m a chuir iad cùl ris an eilean. Bha triùir bhrà ithrean aige agus aon phiuthar's bha dithis de na brà ithrean, Dòmhnall agus Aonghas air an t-eilean fhà gail trà th anns na ficheadan ‘s iad a’ sireadh cosnadh ann an Glaschu. Anns an t-seanachas a bh' aca tha e a' toirt dhuinn dealbh gu math mionaideach air beatha chruaidh air an eilean.
B' ann na pà iste a bha Criosaidh Chamshron nuair a chaidh ise Hiort còmhla ri pà rantan agus a piuthar Mà iri ann an 1919. Bha a h-athair, Dòmhnall, a bhuineadh do Ghleann Eilg, air a ghairm ann na mhiseanaraidh agus b’ e ban-sgoilear a bha na mà thair, Mà iri Flòraidh NicCorcadail à Uibhist a Tuath. Ged nach robh an teaghlach ann ach seachd bliadhna bha cuimhneachain gu math soilleir aig Criosaidh air an ùine a chuir iad seachad air an eilean ann an còmhradh a bh' aice ri Crisdean Dillon ann an 1990.
Last on
Broadcasts
- Thu 27 Aug 2020 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 27 Aug 2020 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Aug 2020 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal