Main content
Sorry, this episode is not currently available

Màiri NicIllEathain, Màiri na Buaile à Griomasaigh

A' bhana-bhàird Màiri NicIllEathain, Màiri na Buaile à Griomasaigh. The poet Mary Maclean in conversation with her fellow poet Mary MacDonald.

Dh’fhaodadh gu robh barrachd tuigs’ aig an dithis a tha a' còmhradh an-diugh air a chèile nan àbhaist – bha an dithis ri bàrdachd agus ri sgrìobhadh rosg, dh’fhoillsich iad le chèile leabhraichean, b’ ann an Uibhist a Tuath a thogadh iad, ‘s b’ e dithis bhoireannach a rugadh sna ficheadan a bh’ unnt - b’ iadsan Màiri Dhòmhnallach, Màiri Flòraidh Ruairidh Uilleim agus i air cheilidh air Màiri NicIlleathainn, Màiri na Buaile.

Rugadh Màiri NicIllEathain an Cnoc Cuidhein air Cladach Chàirinis an Uibhist a Tuath ann an 1921, ‘s b’ ann a sin a chaidh i dhan a sgoil gu robh i 14, nuair a ghluais an teaghlach a Chnoc nan Cuiseag an Griomasaigh. ‘S bha fios aice fiù ‘s aig an aois sin gu robh i ag iarraidh a bhith na bàird ‘s na sgrìobhadair.

Bha i a ‘ sgrìobhadh fad a beatha – thug i mach leabhran Sunbeams and Starlight le bàrdachd Ghàidhlig agus Bheurla ann an 1947; leabhar de sgeulachdan goirid Lus Chrùn à Griomasaigh ann an 1970; nobhail Gainmheach an Fhàsaich bliadhna às deidh sin, agus bhiodh i a' sgrìobhadh sgeulachdan do dh’ irisean agus dhan BhBC.

Fhuair i crùn na bàrdachd aig Mòd Dhùn Eideann ann an 1951 leis a bhàrdachd aice Do Bheinn Eubhal. Ann an 1988 chaidh Màiri Dhòmhnallach a chèilidh oirre agus fhuair i seanchas a' là sin bhuaipe a thuilleadh air a' bhàrdachd sin agus feadhainn eile.

30 minutes

Last on

Sun 23 Aug 2020 09:30

Broadcasts

  • Thu 20 Aug 2020 12:00
  • Thu 20 Aug 2020 22:30
  • Sun 23 Aug 2020 09:30