Main content
Sorry, this episode is not currently available

Saoil an dèan sligean chrùbag an gnothach air a' Choròna-bhìorais?

An còmhstrì a tha a' dol eadar Sudan agus Ethiopia mu dhàma air Abhainn Nìle. Discussing the Sudan and Ethiopian dam dispute on the River Nile. bbc.co.uk/coinneach

Cluinnidh sinn bho Chalum Iain Bartlett mar a tha làrach seann bhaile Nubia anns an Sudan, a tha gu math prìseil a thaobh àrc-eòlais agus seann eachdraidh ann an cunnart a bhith air a' sguabadh air falbh le tuiltean agus bùrn eirigh bhon an Abhainn Nile. Ach chan e tuilltean a mhàin a tha na chunnart do Sudan. Gheibh sinn beachd Cjalum Iain Bartlett, Aonghas MacAoidh agus Murchadh Moireach air a' chòmhstrì a tha a' dol eadar Sudan, Ethiopia agus an Èipheit mu dhàma a chaidh a thogail air an Nìle a tha ag adhbharrachadh glasadh agus gainnead uisge anns an dùthaich, àite far a bheil bùrn nas prìseil na ola no òr.

Tha rannsachadh mòr ga dheànamh air feadh an t-saoghail airson leigheas fhaighinn airson Covid-19. Tha prìomhaire Madagascar a' cumail a-mach gu bheil am planntrais artemisia (burmaid no lus nam biast) a' dèanamh feum do dhaoine a tha a’ fulang leis a' Choròna bhìoras. Tha Calina NicDhomhnaill air a bhith a' rannsachadh eachdraidh na lus.

Cuideachd tha buidhean de luchd saidheans anns a’ Chuimrigh dhen bheachd sligean chrùbaig a cleachdadh airson innealan mheidigeach a dhìon bhon a’ Choròna-bhìoras. Mìnichidh Euan MacCoinnich mar a tha Oilthigh Bangor an dòchas an galair a mharbhadh le bhith a’ cleachdadh stuth ceimigeach a tha ri fhaighinn ann an slige chrùbaig.

Agus 'si Gwen NicGuaire a tha a' taghadh Dàn a' Là - ’S i a’ Ghàidhlig - dàn a sgrìobh a h-athair fhèin, Donnchadh MacGuaire nach maireann. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Clip

Broadcasts

  • Wed 16 Sep 2020 09:00
  • Wed 16 Sep 2020 21:00