Main content
Sorry, this episode is not currently available

Saoil am bith Barbados ag ionndrainn na Banrigh Ealasaid?

Chan eil Barbados airson is gum bith a' Bhanrigh Ealasaid na ceannard stàite aca tuilleadh. Barbados no longer wants the Queen to be its head of state.

Tha Barbardos airson nach bith a' Bhanrigh Ealasaid na ceannard stàite aca tuilleadh. Tha iad airson an ceangal a tha aca le Breatainn a leigeil seachad an ath bhliadhna 's iad a' comharrachadh gu bheil leth-cheud sa còig bliadhna anns an t-Sultainn 2021 bho fhuair Barbados neo-eisimeileachd. Gheibh sinn eachdraidh na dùthcha bho Maureen NicLeòid.

Air Seachdain Nàiseanta Coding mìnichidh Malcolm Charles Moireach agus Rhoda Meek carson a tha e feumail a bhith ag ionnsachadh coding do chlann sgoile.

Gheibh sinn beachd an eòlaiche lagh eadar-nàiseanta Rob Dunbar air cho doirbh sa tha do dhùthaich sam bith briseadh air falbh bho aontannan eadar-nàiseanta.

Tha Tomod Dòmhnallach a' leanntainn air leis an t-sreath mu Ghàidheil a ràinig àrd ìre ann an dùthchannan cèin. An-diugh gheibh sinn eachdraidh beatha Màidsear-Seanalair Uilleam MacAsgail a rugadh ann an Rubha an Dùnain anns an Eilean Sgitheanach.

Agus 'se Murchadh Cloudy Macleòid a tha a’ taghadh Dàn an Là - Eilean Fraoich le Uilleam MacCoinnich. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Thu 17 Sep 2020 09:00
  • Thu 17 Sep 2020 21:00