Ùisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais Bhà in sa Bhaile Shear
Ùisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais Bhà in, ag innse mu obair air oighreachdan Uibhist. Hugh Matheson talks to Jo MacDonald about his work on the Uist estates.
B’ e a chuid seinn agus na h-òrain à dualchas Uibhist a Tuath a bh’ aig Ùisdean MacMhathain a ghlac aire Jo NicDhòmhnaill an toiseach, agus air cuairt a dh’ Uibhist a Tuath bha i ro thoilichte cothrom fhaighinn a dhol a chèilidh air Ùisdean agus a bhean Mà iri nan dachaigh anns na h-Àrdaibh sa Bhaile Shear. ’S iomadh duine a chur Ùisdean na h-aithne às dèidh sin, daoine mar e fhèin, aig an robh ùidh ann an eachdraidh is dualchas agus òrain is obair nà dair.
Rugadh Ùisdean Sheumais Bhà in ann an 1920 agus, nuair a bha e òg sna h-Àrdaibh, bha e ag obair air croit athar agus thug e greis aig togail an rà thaid mhòir. Thog e mòran òrain bho mhà thair, bho sheanair - Aonghas na Cà rnaich - agus bho dhaoine mar Ruaraidh MacÀidh, Bà rd Iollaraigh. Phòs e Mà iri NicBheathain ann an 1946 agus còig bliadhna an dèidh sin ghluais e fhèin agus an teaghlach suas a dh’Àisgearnais ann an Uibhist a Deas is e air obair fhaighinn aig an oighreachd.
Ann an 1960 ghluais Ùisdean ’s a theaglach – bha sianar chloinne aige fhèin is Mà iri – air ais a dh’Uibhist a Tuath, a dh’fhuireach ann a Langais is Ùisdean a’ dol a dh’ obair na gheamair aig an Iarla Granville, a bha air oighreachd Uibhist a Tuath a cheannachd.
A seo tha Ùisdean ag innse do Jo mun obair a bh' aige air na h-oighreachdan agus mu na daoine ris na choinnich e.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 24 Sep 2020 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 24 Sep 2020 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Sep 2020 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal